Cur air bhog: Govanhill Mythology – Beul-aithris Chnoc a’ Ghobhainn

14 Samhain 2024 6:30 pm

Tha an cruinneachadh bàrdachd Govanhill Mythology ceangailte ri cridhe coimhearsnachd Cnoc a’ Ghobhainn. Aig aon uair ainmeil airson murt, ’s e baile beòthail còir a th’ ann a-nis. Chaidh am bàrd Shane Johnstone a thogail ann an Cnoc a’ Ghobhainn, far am faca e na h-atharraichean mòra a thàinig air a’ bhaile ri taobh Abhainn Chluaidh. Bho bhochdainn, tinneas agus eucoir, tha an t-àite a-nis na dheagh dhachaigh gu mòran, le iomadh dhual-chainntean, cànain agus cultaran. Tha na dàin san leabhar a’ toirt iomradh air na chaidh a chall tro na h-atharraichean, ach aig an aon àm ag aithneachadh adhartas ann am beatha nan daoine a tha a’ fuireach ann.

Bidh Shane Johnstone ag aithris a chuid bhàrdachd agus ann an còmhradh le Niall O’Gallagher.

Tiogaidean (an-asgaidh)