Aye Write: Ruaraidh G MacIlleathain – Cha Till Mise

27 Cèitean 2023 7:45 pm

Thig a dh’èisteach ri Ruaraidh G. MacIlleathain (Roddy Maclean) aig fèis leabhraichean Aye Write is e a’ bruidhinn mun leabhar aige Cha Till Mise, eachdraidh nan conbhoidhean dhan Ruis san Dàrna Chogadh.

Nuair a bha Ruaraidh G MacIlleathain a’ fàs suas ann an Glaschu anns na seasgadan, chanadh a mhàthair ris gach 31 Dùbhlachd, ‘Chaidh Daibhidh a chall air na Russian Convoys’ – dìreach na faclan sin. B’ e co-ogha dha mhàthair a bha ann an Daibhidh. Bha e 22 bliadhna a dh’aois.

B’ e an aon fhiosrachadh a bha aig an teaghlach gun deach soitheach Dhaibhidh, HMS Achates, fodha ann am Muir Bharents, 31 Dùbhlachd 1942. Cha d’ fhuair iad a-mach a-riamh dè thachair dhan a’ bhalach òg à Bhatarnais san Eilean sgitheanach. An deach a bhàthadh? An deach a mharbhadh le slige Ghearmailteach? Ach, a-nis, an dèidh rannsachadh agus thurchartasan iongantach, gabhaidh sgeulachd Dhaibhidh innse.

Tha an leabhar seo a’ toirt sùil mhionaideach air na conbhoidhean dhan Ruis, agus mun ghaisgeach a bha ri fhaicinn ann am Blàr Mhuir Bharents, a’ mhadainn ud ann an 1942.

‘S e tachartas dà-chànanach a bhios seo, air a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

Cosgais thiogaidean: £6.72.

Tiogaidean