Fiosrachadh
Acair, 2022. 256 duilleag. Còmhdach bog.
Nuair a bha Ruaraidh G MacIlleathain a’ fàs suas ann an Glaschu anns na seasgadan, chanadh a mhàthair ris gach 31 Dùbhlachd, ‘Chaidh Daibhidh a chall air na Russian Convoys’ – dìreach na faclan sin. B’ e co-ogha dha mhàthair a bha ann an Daibhidh. Bha e 22 bliadhna a dh’aois.
B’ e an aon fhiosrachadh a bha aig an teaghlach gun deach soitheach Dhaibhidh, HMS Achates, fodha ann am Muir Bharents, 31 Dùbhlachd 1942. Cha d’ fhuair iad a-mach a-riamh dè thachair dhan a’ bhalach òg à Bhatarnais san Eilean Sgitheanach. An deach a bhàthadh? An deach a mharbhadh le slige Ghearmailteach? Ach, a-nis, an dèidh rannsachadh agus thurchartasan iongantach, gabhaidh sgeulachd Dhaibhidh innse.
Tha an leabhar seo a’ toirt sùil mhionaideach air na conbhoidhean dhan Ruis, agus mun ghaisgeach a bha ri fhaicinn ann am Blàr Mhuir Bharents, a’ mhadainn ud ann an 1942.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.