Farpais chloinne: Cù Giobach

Air fhoillseachadh: 9 Gearran 2026 ann an Naidheachdan

Airson Seachdain na Gàidhlig agus latha foillseachaidh Cù Giobach a chomharrachadh, tha Belle Kids, ann an co-bhann le Comhairle nan Leabhraichean, a’ toirt chothrom do chloinn leth-bhreac dhen leabhar agus àirleas National Book Token luach £25 a bhuannachadh!

’S e leabhar cloinne Gàidhlig le caibideilean a th’ ann an Cù Giobach, stèidhichte air aon dhe na leabhraichean cloinne as soirbheachaile riamh. Tha e ag innse sgeulachd mu chù trèigte a tha làn dheargannan is e a’ fuireach air an t-sràid. Tha a’ chridhe làn choibhneis, is chan eil e ag iarraidh ach dachaigh is maighstir còir, ach bidh sin uaireannan ga chur ann an suidheachaidhean cunnartach.

Tha dà roinn ann – faic an dealbh gu h-ìosal airson bheachdan
  • Duais airson a bhith a’ tarraing an deilbh as fheàrr ceangailte ris an leabhar
  • Duais airson na sgeulachd Ghàidhlig as fheàrr mu chù (suas ri 50 facal)

Riaghailtean

  • Aon thagradh an urra airson gach roinn dhen fharpais.
  • Chan fhaodar goireasan Tuigse Innealta (AI) a chleachdadh.
  • Feumaidh tagraichean a bhith 12 no nas òige aig àm an tagraidh.
  • Cuir tagraidhean ann an cruth Word ceangailte ri post-d gu [email protected].
  • Feumaidh ainm is aois an tagraiche a bhith anns a’ phost-d a-mhàin.
  • Na cuir ach an sgeulachd no dealbh am broinn an Word doc.
  • Thèid tagraidhean a mheasadh gun urra.
  • Tha co-dhùnadh nam britheamhan deireannach agus cha bhi còmhradh ann mu dheidhinn.
  • Ceann-latha: 5f, Dihaoine 27 Gearran 2026.
  • Cha tèid tagraidhean a thilleadh.
  • Tha Belle Media & CNL ag aontachadh nach tèid am fiosrachadh a chleachdadh ach airson na farpais.
  • Dh’fhaodadh gun tèid na tagraidhean a bhuannaicheas fhoillseachadh ann an Cuairt-litir Chomhairle nan Leabhraichean.
  • Le bhith a’ cur a-steach dhan fharpais, tha tagraichean ag aontachadh ris an fhoillseachadh gu h-àrd