Na Duaisean Litreachais 2026

Riaghailtean agus Stiùireadh

Ceann-latha airson thagraidhean: 5.00f, Dihaoine 01 Cèitean 2026

Tha Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an dùthaich sam bith eadar 1 Cèitean 2025 agus 30 Giblean 2026. Thèid duaisean luach £750 dhan ùghdar is £750 dhan fhoillsichear a bhuileachadh air an luchd-buannachaidh anns gach roinn a leanas:

    • Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais
    • Ficsean – Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn
    • Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
    • Clann aois 0-7
    • Clann aois 8+

Tha Na Duaisean Litreachais cuideachd fosgailte do sgrìobhadh tùsail Gàidhlig de dh’fhaid leabhair, gun fhoillseachadh air ceann-latha na farpais. Thèid duaisean luach eadar £500 agus £1,000 a bhuileachadh air an luchd-buannachaidh anns gach roinn a leanas:

      • Sgrìobhadh airson clann/òigridh
      • Sgrìobhadh airson inbhich
Clàran-iarrtais

Feumaidh an clàr-iarrtais iomchaidh a bhith an cois gach tagradh. Luchdaich a-nuas an clàr-iarrtais airson leabhraichean foillsichte agus sgrìobhadh neo-fhoillsichte.

Fiosrachadh tagraidh
  • Feumaidh co-dhiù 50% dhen teacsa gu lèir ann an tagraidhean airson nan Duaisean Litreachais a bhith sgrìobhte ann an Gàidhlig na h-Alba.
  • Feumaidh pìosan sgrìobhaidh neo-fhoillsichte a bhith ann an cruth Word le clò 12-puing agus beàrnadh dùbailte. Bu chòir dha na duilleagan uile a bhith air an àireamhachadh, le tiotal a’ phìos sgrìobhaidh orra. Cha bu chòir ainm an ùghdair a bhith air duilleag sam bith dhen tagradh (ach a-mhàin a’ chlàr-iarrtais) a chionn ’s gum bi na tagraidhean sin uile air am breithneachadh gun urra.
  • Air thoiseach air a’ cheann-latha, bu chòir ceithir (4) lethbhric de gach leabhar foillsichte, le clàr-iarrtais nan cois, a chur gu: Na Duaisean Litreachais, Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP
  • Air thoiseach air a’ cheann-latha, bu chòir tagraidhean airson sgrìobhadh neo-fhoillsichte a chur a‑steach air post-d, le clàr-iarrtais nan cois, gu: [email protected].
  • Gheibh tagraichean dearbhadh air post-d gun d’ fhuaireadh an tagradh aca nuair a ruigeas e.
  • Is e Dihaoine 01 Cèitean 2026 aig 5.00f an ceann-latha deireannach do thagraidhean. Cha tèid beachdachadh air tagraidhean a gheibhear às dèidh a’ chinn-latha sin.
  • Thèid breithneachadh air na tagraidhean le pannal neo-eisimeileach. Bidh co-dhùnadh a’ phannail deireannach.
Fiosrachadh a bharrachd

A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do thagraidhean foillsichte a-mhàin ann an cruth leabhair-d no leabhair‑èisteachd?
Chan eil am-bliadhna. Tha sinn an dòchas Na Duaisean Litreachais a leudachadh anns na bliadhnaichean ri teachd gu bhith a’ gabhail a-steach roinnean a bharrachd.

A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean a tha foillsichte leis an ùghdar fhèin?
Tha, fhad ’s a tha iad foillsichte gu ìre phroifeiseanta agus le ISBN fa leth aca. Ma bhuannaicheas leabhar fèin-fhoillsichte, gheibh e aon duais airgid a-mhàin; chan fhaigh an aon leabhar fèin-fhoillsichte duaisean fa-leth airson an sgrìobhadair agus airson an fhoillsicheir.

A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do sgrìobhadh air eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig bho chànan eile?
Tha na farpaisean airson leabhraichean ann an clò fosgailte do sgrìobhadh air eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig bho chànan eile. Chan eil na farpaisean airson làmh‑sgrìobhainnean neo‑fhoillsichte fosgailte do dh’obair air eadar-theangachadh bho chànan eile – bu chòir dhan sgrìobhadh sin a bhith ùr agus leis an tagraiche bho thùs.

A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean air an ath-fhoillseachadh no dìreach airson leabhraichean a tha ann an clò airson a’ chiad uair?
Chan eil e ceadaichte tagradh a chur a-steach airson leabhar a tha air ath-fhoillseachadh – tha Na Duaisean Litreachais gu sònraichte ag amas air sgrìobhadh ùr a bhrosnachadh. Ma tha leabhar air ath-fhoillseachadh ann an eagran ùr le atharrachadh mòr no deagh thomhas de theacsa ùr air a chur ris, thèid gabhail ris a rèir co-dhùnadh nam britheamhan.

A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do thagraidhean air cuspair co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a tha sgrìobhte ann an cànan eile, ach anns a bheil glè bheag de theacsa sa Ghàidhlig?
Chan eil. Bu chòir co-dhiù 50% de thagradh a bhith sgrìobhte sa Ghàidhlig airson a chur a-steach dhan fharpais.

A bheil e ceadaichte tagradh a chur a-steach a bha a-staigh a-cheana, airson Duais Dhòmhnaill Meek (2010-19) no aig Na Duaisean Litreachais (2020-25)?
Tha e ceadaichte leabhar foillsichte a chur a-steach mar thagradh dha Na Duaisean Litreachais ma bha an teacsa a-steach airson Duais Dhòmhnaill Meek (2010-19) no airson farpais làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte aig Na Duaisean Litreachais.
Chan eil e ceadaichte làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte a chaidh a chur a-steach a-cheana airson Duais Dhòmhnaill Meek no Na Duaisean Litreachais a chur a-steach a-rithist don fharpais airson làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte am-bliadhna.

Thèid geàrr-liosta airson nan Duaisean Litreachais ainmeachadh anns an Lùnastal 2026.

Thèid luchd-buannachaidh nan Duaisean Litreachais ainmeachadh aig cuirm ann an Cottiers Theatre, Glaschu air Dimàirt 15 Sultain 2026.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh mu dheidhinn nan Duaisean Litreachais, cuiribh brath thugainn air [email protected] no 0141 337 6211.