Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ lìbhrigeadh chùrsaichean gràmair agus cleachdaidhean cànain airson sgrìobhadairean. Bidh na cùrsaichean air an teagasg le Michel Byrne, eòlaiche-cànain a th’ air a bhith a’ teagasg grunn bhliadhnachan aig Oilthigh Ghlaschu, agus a tha air leabhraichean gràmair a sgrìobhadh.
Tha cùrsaichean gràmair agus cleachdaidhean cànain airson sgrìobhadairean ann aig diofar ìrean: Cùrsa Inntrigidh, a bhios a’ teagasg riaghailtean sgrìobhaidh bunaiteach, Cùrsa Gràmair agus Cleachdadh Cànain, a tha freagarrach do dh’inbhich aig a bheil beagan eòlais air Gàidhlig sgrìobhte agus gràmar mu thràth, agus Cùrsa Ùrachaidh, do feadhainn a tha air a bhith air cùrsa gràmair roimhe, ach a tha ag iarraidh ùrachadh air na dh’ionnsaich iad.
Bhiodh na cùrsaichean air leth feumail do sgrìobhadairean, luchd-teagaisg agus daoine ag obair anns na meadhanan, ach tha iad fosgailte do neach sam bith aig a bheil Gàidhlig a tha ag amas air na sgilean gràmair agus cleachdaidhean cànain aca a leasachadh.
Cùrsa Inntrigidh
Thèid Cùrsa Inntrigidh a theagasg ann am Beurla airson a’ mhòr chuid dhe. ’S e cùrsa aon latha a bhios ann.
Cùm sùil a-mach airson an ath chùrsa ann an 2026.
Cùrsa Gràmair agus Cleachdadh Cànain
Thèid Cùrsa Gràmair agus Cleachdadh Cànain a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. ’S e cùrsa trì latha a bhios ann.
Na ha-ath chùrsaichean:
Dimàirt 28–Diardaoin 30 Iuchar, 9.30m–4.30f
Seòmar Collinson aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, 30-34 Sràid McPhater, Glaschu, G4 0HW.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhail air: https://www.gaelicbooks.org/cursa-gramair-agus-cleachdadh-canain-glaschu
Diciadain 26–28 Lùnastal, 9.30m–4.30f
Taigh Coinneimh, 19 Sràid na h-Eaglaise, Steòrnabhagh, HS1 2DH
Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhail air: https://www.gaelicbooks.org/cursa-gramair-agus-cleachdadh-canain-steornabhagh
Cùrsa Ùrachaidh
Thèid Cùrsa Ùrachaidh a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. ’S e cùrsa aon latha a bhios ann.
Cùm sùil a-mach airson an ath chùrsa ann an 2026.
