Seo liosta de dh’fharpaisean-sgrìobhaidh agus chothroman eile a tha a’ cur fàilte air tagraidhean Gàidhlig. Gheibhear tuilleadh fiosraichaidh mu dheidhinn gach cothrom air na làraich-lìn gu h-ìseal. Faicibh cuideachd farpais mhìosail Ficsean 50 Facal an seo.
Ma tha sibh eòlach air farpaisean eile nach eil air an liosta seo, cuiribh fios thugainn agus cuiridh sinn iad ris.
Caidreachas nan Sgrìobhaichean (Alba): Farpais Bhliadhnail 2026
Ceann-latha: Didòmhnaich 12 Giblean 2026
Làrach-lìn: Caidreachas nan Sgrìobhaichean (Alba)
Tha an fhàrpais bhliadhnail aig Caidreachas nan Sgrìobhaichean (Alba) a-nis fosgailte ri bàrdachd (suas gu 40 loidhne), grad-fhicsean (suas gu 500 facal) agus sgeulachdan goirid (eadar 501 is 2000 facal) sa Ghàidhlig.
Bidh duais de £100 airson a’ chiad àite, agus £25/£10 airson an dàrna ’s treas àiteachan. A bharrachd air sin bidh cothrom ur cuid sgrìobhaidh a leughadh aig cuirm nan duaisean as t-samhradh.
Faodaidh sibh sgrìobhadh air cuspair sam bith ach feumaidh ur cuid obrach a bhith neo-fhoillsichte.
Farpais Bhàrdachd Baile na h-Ùige 2026: Gairm airson thagraidhean
Ceann-latha: Diciadain 6 Cèitean 2026
Làrach-Lìn: Farpais Bhàrdachd Baile na h-Ùige 2026
Stèidhichte ann an 2005, ‘s iad duaisean bàrdachd Bhaile na h-Ùige cuid de na farpaisean sgrìobhaidh as aithnichte san Rìoghachd Aonaichte is iad fosgailte ri dàin anns na trì cànain Albannach: Gàidhlig, Beurla is Albais. Faodaidh dàin a bhith air cuspair sam bith ach feumaidh iad a bhith neo-fhoillsichte, is feumaidh luchd-tagraidh a bhith 16 bliadhna a dh’aois no nas sine. Tha duaisean de £500 airson a’ chiad àite agus £200 airson an dàrna àite san fharpais Ghàidhlig. Faic an làrach-lìn airson tuilleadh fiosrachaidh.
Lèirmheas Leabhraichean Ghlaschu: Tagraidhean
Ceann-latha: às aonais ceann-latha
Làrach-Lìn: Lèirmheas Leabhraichean Ghlaschu
‘S e iris air-loidhne a th’ ann an Lèirmheas Leabhraichean Ghlaschu a tha a’ foillseachadh sgrùdadh, aistean, agallamhan, agus altan air an eadar-theangachadh. Tha LLG toilichte sgrìobhadh ùr fhoillseachadh ann an cànanan na h-Alba air fad: Beurla, Gàidhlig agus Albais. ‘S e prìomh amas na h-iris am bèarn airson sgrùdadh cùramach is cothromach a lìonadh, ach tha iad a’ foillseachadh sgrìobhadh cruthachail cuideachd tro ghairm no coimisean sònraichte a-mhàin, gu h-àraid rosg goirid, bàrdachd, agus sgrìobhadh ann an cruthan measgaichte no le eileamaidean radharcach. Tha LLG an-còmhnaidh toilichte lèirmheasan, molaidhean airson lèirmheasan, agus tagraidhean airson sgrùdadh fhaighinn, gu h-àraid pìosan sgrùdaidh nas fhaide. A thaobh sgrìobhaidhean eile, chan eilear a’ gabhail ri tagraidhean às aonais ghairm. Faic an làrach-lìn airson tuilleadh fiosrachaidh.
Bella Caledonia: Tagraidhean
Ceann-latha: às aonais ceann-latha
Làrach-Lìn: Bella Caledonia
Tha Bella Caledonia a’ cur fàilte air tagraidhean agus air molaidhean airson artaigilean. Bidh iad a’ foillseachadh iomadach gnè sgrìobhaidh, nam measg cunntasan beachdail, lèirmheasan air leabhraichean is ceòl, aithrisean naidheachd agus sgrùdadh. Tha iad a’ foillseachadh air-loidhne iomadh turas gach latha ann am Beurla, Gàidhlig agus Albais. Cuir tagraidhean chun an neach-deasachaidh aig [email protected]. Faic an làrach-lìn airson tuilleadh fiosrachaidh.
Scottish Books International: Maoin Siubhail Eadar-nàiseanta do Sgrìobhadairean
Ceann-latha: às aonais ceann-latha
Làrach-Lìn: Scottish Books International
Le taic bho Alba Chruthachail, chaidh an sporan seo a stèidheachadh le Scottish Books International airson taic a chumail ri sgrìobhadairean a tha air cuireadh fhaighinn an cuid obrach a thaisbeanadh thall thairis. Tha e ag amas air (i) cothroman a leudachadh do sgrìobhadairean Albannach a bhith an làthair aig fèisean is thachartasan eile thall thairis; (ii) cuir às do bhacaidhean air sgrìobhadairean Albannach ann a bhith a’ gabhail nan cothroman sin; (iii) dàimh a bhrosnachadh eadar sgrìobhadairean Albannach agus fèisean, foillsichearan agus buidhnean thall thairis. Tha an stòras-maoin fosgailte do thagraidhean bho sgrìobhadairean proifeiseanta le cunntas-obrach dearbhte aig a bheil cuireadh a bhith an làthair aig tachartas taobh a-muigh an Rìoghachd Aonaichte. Tha sgrìobhadair Albannach air a mheas mar sgrìobhadair a tha a’ fuireach agus ag obair ann an Alba, no sgrìobhadair bho Alba a tha stèidhichte am badeigin eile. Tha fàilte air tagraidhean bho na sgrìobhadairean fhèin, air neo bho na buidheanan a thug cuireadh dhaibh. Faodaidh tagraichean iarrtasan a chur a-steach airson suas ri £1,000 mu choinneimh cosgaisean siubhail an turais aca. Faic an làrach-lìn airson tuilleadh fiosrachaidh.
Iris Interpret: Tagraidhean
Ceann-latha: às aonais ceann-latha
Làrach-Lìn: Interpret Magazine
‘S e iris ùr Albannach airson litreachas eadar-nàiseanta a th’ ann an Interpret: fosgailte do neach sam bith, ann an àite sam bith, a’ sgrìobhadh ann an cànan sam bith. Tha an iris fosgailte do bhàrdachd is sgeulachdan goirid de chruth no gnè sam bith. Cha bu chòir barrachd air sia dàin no trì sgeulachdan goirid a chur a-steach ann an aon tagradh. Cha bu chòir do sgeulachdan a bhith nas fhaide na 2,500 facal. Tha Interpret a’ gabhail ri sgrìobhadh ann an cànan sam bith bho àite sam bith air an t-saoghal. Ma bhios tu a’ sgrìobhadh ann an cànan eile seach Fraingis, Portagaileis, Spàinntis no Eadailtis, feumaidh eadar-theangachadh slàn dhan Bheurla a bhith an cois do thagradh. Thèid tagraidhean soirbheachail fhoillseachadh an toiseach sa chànan tùsail, agus an uair sin sa Bheurla. Bidh tuarastal de £10 ga thabhann do gach sgrìobhadair soirbheachail. Faic an làrach-lìn airson tuilleadh fiosrachaidh.
