Farpais Ficsean 50 Facal

Tha farpais Ficsean 50 Facal an Ògmhios le Urras Leabhraichean na h-Alba a-nis fosgailte. Air a’ mhìos seo thathar a’ sireadh sgeulachdan Gàidhlig, ann an suas ri 50 facal, far a bheil bogha-frois a’ nochdadh. Gheibh ùghdar na sgeulachd Ghàidhlig as fheàrr duais bho Chomhairle nan Leabhraichean agus thèid an sgeulachd aca fhoillseachadh air an duilleig seo.

Ceann-latha: 30 Ògmhios 2026

Deiseil? Deònach? Sgrìobh! Clàr-iarrtais an seo.

Sa Chèitean, b’ e Count Miklos Cseszneky a bhuannaich farpais Ficsean 50 Facal airson sgeulachd Ghàidhlig. B’ e an dùbhlan a chaidh mu choinneamh thagraichean, sgeulachd a sgrìobhadh, ann an dìreach 50 facal, mu choimpiutair. Meal do naidheachd, a Mhiklos, an dòchas gun còrd an duais bho Chomhairle nan Leabhraichean riut!

Agus seo an sgeulachd aig Count Miklos Cseszneky:

An dèidh dhan mhàthair bàsachadh, chum an coimpiutair aice oirre a’ cur puist-d thugam Dihaoine.

Reasabaidhean. Naidheachdan. Dealbhan cait.

Airson sia mìosan, fhreagair mi i.

An uair sin sgrìobh i:

“Tha mi duilich nach do dh’innis mi dhut mu d’ athair.”

Cha do thàinig post-d sam bith às dèidh sin.