Muinntireas do Sgrìobhadair Gàidhlig Òg 2023

Air fhoillseachadh: 26 Cèitean 2023 ann an Naidheachdan

Tha am muinntireas seo ga thabhann airson an dàrna bliadhna. Is e muinntireas làn-mhaoinichte do sgrìobhadairean Gàidhlig eadar 18 agus 30 a th’ anns a’ Mhuinntireas do Sgrìobhaiche Gàidhlig Òg. Bidh am muinntireas dà sheachdain seo a’ tachairt eadar Diluain 4 Sultain agus Didòmhnaich 17 Sultain 2023, agus gheibh an tagraiche soirbheachail tuarastal, cuibhreann siubhail is rannsachaidh, agus comhairleachadh sònraichte aon-ri-aon le sgrìobhadair Gàidhlig stèidhichte. Is e an ceann-latha airson tagraidhean Diluain 26 Ògmhios (ro mheadhan-là).

Tha am muinntireas seo air a mhaoineachadh le Comhairle nan Leabhraichean agus air a chruthachadh ann an co-obrachadh le Cove Park.

Prìomh fhiosrachadh
  • Bidh am muinntireas aig Cove Park a’ tachairt eadar Diluain 4 Sultain agus Didòmhnaich 17 Sultain 2023.
  • Gheibh an Sgrìobhaiche tuarastal muinntireis iomlan de £900 (£450 gach seachdain), abharrachd air cuibhreann siubhail de suas ri £300 agus cuibhreann rannsachaidh suas ri £200.
  • Gheibh an Sgrìobhaiche ceithir seiseanan comhairleachaidh aghaidh-ri-aghaidh còmhla ri sgrìobhadair Gàidhlig stèidhichte. Tha am pròiseact a’ pàigheadh airson seo.
  • Bidh am muinntireas a’ gabhail a-steach tachartas aig Cove Park air an dàrna sheachdain, agus aontachaidh an Sgrìobhaiche, Cove Park agus Comhairle nan Leabhraichean cruth agus farsaingeachd an tachartais seo.
  • Tha na muinntireasan air an dealbhadh gus taic a chumail ri cruthachadh obair ùr, rannsachadh agus tionnsgalachd.
  • Cumaidh sgioba Cove Park taic ri rannsachadh agus riatanasan practaigeach ro agus rè a’ mhuinntireis.

Na tha Cove Park a’ toirt seachad
  • Àite-fuirich/àite-obrach prìobhaideach fa leth air an làraich aig Cove Park.
  • Àite-obrach agus àite coinneachaidh taobh a-staigh Togalach coitcheann Jacobs, anns a bheil leabharlann cuideachd, seòmar ruith-thairis mòr le làr fiodha, cidsin is àite-ithe plana fosgailte, agus goireasan nigheadaireachd.
  • Cothrom gun chrìoch air an làraich 50-acair.

Cò as urrainn tagradh a dhèanamh?

Airson a bhith airidh air roghainn, feumaidh tu a bhith nad sgrìobhaiche Gàidhlig eadar 18 agus 30 bliadhna a dh’aois a tha stèidhichte ann an Alba.


Ciamar a nithear tagradh?

Faodar tagraidhean a chur a-steach tron fhoirm tagraidh air-loidhne. Feumaidh na leanas a bhith san Fhoirm Iarrtais:

  • D’ ainm agus fios conaltraidh.
  • Aithris sa Ghàidhlig (500 facal no nas giorra) a’ toirt cunntas goirid air an obair làithrich agad an-dràsta agus air carson a bhiodh ùidh agad anns a’ chothrom muinntireis agus meantoraidh seo.
  • An Cunntas-beatha agad, a’ gabhail a-steach ainmean agus fiosrachadh conaltraidh aig dithis luchd-teisteanais proifeiseanta, bho thidsear, oide, neach-fastaidh, mar eisimpleir (cha chuir sinn fios chun luchd-teisteanais agad ach a-mhàin ma thèid do thagradh a chur air a’ gheàrr-liosta airson agallamh).
  • Liosta de na h-eisimpleirean de dh’obair a tha thu a’ toirt dhuinn.

Luchdaich suas na sgrìobhainnean no an stuth-taic a leanas anns an Fhoirm Tagraidh:

  • Rosg, 500 facal no nas lugha (gun a bhith nas fhaide na 2 dhuilleig). Bàrdachd, suas ri 4 dàin (gun a bhith nas fhaide na 4 duilleagan). Faodaidh tu rosg no dàin Beurla a chur a-steach mar eisimpleir den obair agad, ach dèan cinnteach gu bheil co-dhiù 50% den stuth-taic agad sgrìobhte sa Ghàidhlig.

Gabhaidh sinn ri tagraidhean ann an cruth claisneachd no bhidio nam b’ fheàrr leat sin seach iarrtas sgrìobhte. Ma tha thu den bheachd gu bheil ciorram ort, innis dhuinn a bheil atharrachaidhean reusanta sam bith a dhìth air a’ phròiseas tagraidh a bhiodh na chuideachadh dhut. Ma tha thu airson bruidhinn air seo, no ma tha feum agad air cuideachadh le bhith a’ dèanamh an tagraidh agad, cuir fios gu Riochdaire Phrògraman is Conaltraidh Cove Park, Alex Marrs gu dìreach.


Pròiseas geàrr-liosta agus taghaidh

Bidh cuireadh do dh’agallamh stèidhichte air na slatan-tomhais a leanas:

  • Càileachd do bheachdan agus do chuid obrach.
  • Carson a tha feum agad air ùine fhada de rannsachadh is leasachadh, agus na h-adhbharan a th’ agad airson cur a-steach airson a’ phrògraim seo.
  • An ùidh a th’ agad ann a bhith ag obair taobh a-staigh coimhearsnachd de luchd-ealain.

Leigidh sinn fios gun d’ fhuair sinn an tagradh agad cho luath ’s a gheibhear e. Bidh ceangal san fhios-freagairt againn ris an fhoirm sgrùdaidh Co-ionannachd, Iomadachd is In-ghabhail gun urra againn. Bhiomaid nur comain nan lìonadh sibh seo. Mura faigh thu am fios-freagairt seo, cuir fios gu Cove Park gu dìreach gus dearbhadh gun d’ fhuaras an tagradh agad.

Nithear geàrr-liosta de na h-iarrtasan airson agallamh le Cove Park agus Comhairle nan Leabhraichean. Thèid fios a chur chun a h-uile tagraiche an deach an tagradh aca a chur air a’ gheàrr-liosta airson agallamh ro Dihaoine 30 Ògmhios 2023. Thèid agallamhan a chumail tro Zoom san t-seachdain a’ tòiseachadh Diluain 3 Iuchar 2023. Air a’ phannal agallaimh bidh buill de sgiobaidhean Cove Park agus Comhairle nan Leabhraichean.

Tha Cove Park ag amas air àrainneachd shàbhailte bhrosnachail a thabhann don a h-uile duine, agus air cuir às do leth-bhreith stèidhichte air cinneadh, bun-stèidh nàiseanta no cinneachail, dath craiceann, inbhe saoranachd, inneach no stoidhle fuilt, gnè, comhair ghnè, gnèithean, taisbeanadh gnè, aois, creideamh no cràbhadh, cànan, comas, niùro-iomadachd, slàinte corporra agus inntinn, inbhe sòiseo-eaconamach, bun-stèidh foghlaim, inbhe leatromais no pàrantachd, inbhe pòsaidh no compàirteachas sìobhalta, inbhe in-imriche, agus comharraidhean cultarach agus/no tatùthan air sgàth deas-ghnàth creideimh bho chleachdaidhean ro-cholòinidheach. Tha e do-sheachanta gun atharraich cainnt, abairtean agus briathran, agus bidh e fa-near do Chove Park an liosta seo ùrachadh gu cunbhalach – agus chotric ’s a bhiodh e iomchaidh – le ar coimhearsnachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Bi mothachail gun cùm sinn tagraidhean gu h-eileagtronaigeach fad bliadhna. Cha tèid an dàta a tha an cois an tagraidh agad a chleachdadh airson adhbhar sam bith eile ach a-mhàin geàrr-liostadh, ruith agus tomhas air a’ phrògram. Cha toir sinn fiosrachadh mud dheidhinn do treas partaidh sam bith gun chead bhuat.

B’ fheàrr leinn gun a bhith a’ faighinn tagradh tron phost. Ach ma tha thu airson stuth abharrachd, leithid chatalogan, a chur thugainn leis an tagradh agad, cuir iad don t-seòladh gu h-ìosal. Ma tha thu ag iarraidh an stuth seo air ais, cuir cèis-litreach na chois le do sheòladh-puist agus stampa air.

Young Gaelic Writer Residency 2023
Cove Park, Peaton Hill, Cove, Argyll and Bute, Scotland, G84 0PE

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu:
Alex Marrs, Programmes & Communications Producer
01436 850500
[email protected]
www.covepark.org

Ceann-latha airson tagraidhean: Diluain 26 Ògmhios 2023 (meadhan-là)