Cur air bhog ‘Fir an Diùraidh’ le Alistair Paul

25 Gearran 2023 3:00 pm

Bidh Alistair Paul a’ tighinn a-nall à Eilean Arainn gus bruidhinn mun leabhar ùr aige, Fir an Diùraidh.

’S ann à Glaschu a tha Alistair bho thùs, ach ’s e an ùidh a th’ aige ann an eachdraidh agus cultar Eilean Arainn a thug air a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus tha sin follaiseach na chuid sgrìobhaidhean. Chaidh an cruinneachadh sgeulachdan goirid aige, Linne Dhomhain, fhoillseachadh le Luath Press (2021), agus bhuannaich e duais airson na Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do dh’Inbhich aig Na Duaisean Litreachais ann an 2020.

San nobhail ùir, tha sinn ann an eathar beag an cuideachd sianar Arannach air an t-slighe gu bhith a’ suidhe air an diùraidh aig cùirt an t-seisein ann an Inbhir Aora aig toiseach an 19mh linn. Cho luath ’s a dh’fhàgas an t-eathar an cidhe aig Tràigh a’ Chaisteil ann an Arainn teannaidh rudan ri dhol ceàrr, togaidh conas ceann is na chois thig peacaidhean nam fear am follais. An ruig na fir a’ chùirt ann an tìde is ma ruigeas am bi e an comas dhaibh breitheanas a thoirt a-mach air an co-chreutairean le cogais ghlan?

Tiogaidean