Muinntireas do Sgrìobhaiche Gàidhlig Òg 2025

Air fhoillseachadh: 20 Ògmhios 2025 ann an Naidheachdan

©Alex Marrs

Is e muinntireas làn-mhaoinichte do sgrìobhadairean Gàidhlig eadar 18 agus 30 a th’ anns a’ Mhuinntireas do Sgrìobhaiche Gàidhlig Òg, a thathas a’ tabhann airson an treasamh turas. Bidh am muinntireas dà-sheachdain seo a’ tachairt eadar Diluain 27 Dàmhair agus Diluain 10 Samhain 2025, agus gheibh an sgrìobhadair air mhuinntireas tuarastal agus cuibhreann siubhail is rannsachaidh. Is e an ceann-latha airson thagraidhean Dihaoine 25 Iuchar ro 5f BST.

Tha am muinntireas seo air a mhaoineachadh le Comhairle nan Leabhraichean agus air a chruthachadh ann an co-bhann le Pàirc na Camais.

Prìomh fhiosrachadh
  • Bidh am muinntireas aig Pàirc na Camais a’ tachairt eadar Diluain 27 Dàmhair agus Diluain 10 Samhain 2025.
  • Gheibh an Sgrìobhaiche tuarastal muinntireis iomlan de £1,500 (£750 gach seachdain), a bharrachd air cuibhreann siubhail suas ri £300 agus cuibhreann rannsachaidh suas ri £200.
  • Bidh am muinntireas a’ gabhail a-steach tachartas aig Pàirc na Camais air an dàrna seachdain, agus aontachaidh an Sgrìobhaiche, Pàirc na Camais agus Comhairle nan Leabhraichean cruth agus farsaingeachd an tachartais seo.
  • Tha am muinntireas air a dhealbhachadh gus taic a chumail ri cruthachadh obair ùr, rannsachadh agus tionnsgalachd.
  • Cumaidh sgioba Pàirc na Camais taic ri rannsachadh agus riatanasan prataigeach ro agus rè a’ mhuinntireis.

Na tha Pàirc na Camais a’ toirt seachad
  • Àite-fuirich/àite-obrach phrìobhaideach fa leth air an làraich aig Pàirc na Camais.
  • Àite-obrach agus àite-coinneachaidh taobh a-staigh ionad coitcheann Togalach Jacobs, anns a bheil leabharlann, seòmar mòr ruith-thairis le làr fiodha, cidsin agus biadhlann fosgailte, agus goireasan nigheadaireachd.
  • Cothrom gun crìoch air an làraich 50-acaire.

Airson fiosrachadh slàn mu ghoireasan agus phrògraman Pàirc na Camais, tadhail air an làirich-lìn aca an seo.


Cò dh’fhaodas tagradh a dhèanamh

Airson a bhith airidh air roghainn, feumaidh tu a bhith nad sgrìobhaiche Gàidhlig eadar 18 agus 30 bliadhna a dh’aois a tha stèidhichte ann an Alba.

Faodar tagraidhean a chur a-steach tron Fhoirm Iarrtais air-loidhne: https://form.jotform.com/251692769236368


Ciamar a nithear tagradh?

Feumaidh na leanas a bhith san Fhoirm Iarrtais:

  • D’ ainm agus fios conaltraidh.
  • Aithris sa Ghàidhlig (suas ri 500 facal) a’ toirt cunntas goirid air an obair anns a bheil thu an sàs an-dràsta agus carson a bhiodh ùidh agad anns a’ chothrom mhuinntireis seo.
  • An Cunntas-beatha agad, a’ gabhail a-steach ainmean agus fios conaltraidh aig dithis luchd-teisteanais proifeiseanta – m.e. bho thidsear, neach-oide no neach-fastaidh (cha chuir sinn fios dhan luchd-teisteanais agad ach a-mhàin ma thèid an tagradh agad air a’ gheàrr-liosta airson agallamh).
  • Liosta de dh’eisimpleirean de dh’obair a tha thu a’ toirt dhuinn.

Luchdaich suas na sgrìobhainnean no an stuth-taic a leanas anns an Fhoirm Iarrtais:

  • Rosg, 500 facal no nas lugha (gun a bhith nas fhaide na 2 dhuilleig).
  • Bàrdachd, suas ri 4 dàin (gun a bhith nas fhaide na 4 duilleagan).
  • Faodaidh tu rosg no dàin sa Bheurla a chur a-steach mar eisimpleir den obair agad, ach dèan cinnteach gu bheil co-dhiù 50% den stuth-taic agad sgrìobhte sa Ghàidhlig.

Gabhaidh sinn ri tagraidhean ann an cruth claisneachd no bhidio nam b’ fheàrr leat sin seach iarrtas sgrìobhte. Cuir fios thugainn nam biodh e na chuideachadh dhut nan dèanamaid atharrachaidhean reusanta air a’ phròiseas tagraidh. Ma tha thu airson bruidhinn rinn mu dheidhinn seo, no ma tha taic a dhìth ort airson iarrtas a dhèanamh, cuir fios gu dìreach gu Àrd-riochdaire Pàirc na Camais, Alex Marrs.

Ceann-latha airson thagraidhean: Dihaoine 25 Iuchar 2025 (5f BST)


Pròiseas geàrr-liosta agus taghaidh

Bidh cuireadh do dh’agallamh stèidhichte air na slatan-tomhais a leanas:

  • Càileachd do bheachdan agus do chuid obrach.
  • Carson a tha feum agad air ùine fhada de rannsachadh is leasachadh, agus na h-adhbharan a th’ agad airson cur a-steach airson a’ phrògraim seo.
  • An ùidh a th’ agad ann a bhith ag obair taobh a-staigh coimhearsnachd de luchd-ealain.

Leigidh sinn fios gun d’ fhuair sinn an tagradh agad cho luath ’s a gheibhear e. Bidh ceangal san fhios-fhreagairt againn ris an fhoirm sgrùdaidh Co-ionannachd, Iomadachd is In-ghabhail gun urra againn, agus bhiomaid nad chomain nan lìonadh tu seo. Mura faigh thu am fios-freagairt seo, cuir fios gu dìreach gu Pàirc na Camais gus dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad.

Nithear geàrr-liosta de na h-iarrtasan airson agallamh le Pàirc na Camais agus Comhairle nan Leabhraichean còmhla. Thèid fios a chur dhan a h-uile tagraiche an deach an taghadh airson geàrr-liosta airson agallamh ro Dhihaoine 8 Lùnastal 2025. Thèid agallamhan a chumail tro Zoom san t-seachdain a’ tòiseachadh Diluain 11 Lùnastal 2025. Air a’ phannal agallaimh bidh buill de sgiobaidhean Pàirc na Camais agus Comhairle nan Leabhraichean.

Tha sinn ag iarraidh gum bi ar cothroman muinntireis, prògraman agus goireasan fosgailte don a h-uile duine agus a’ cur fàilte orra. Tha sinn daonnan a’ tomhas nam modhan-obrach againn agus ag amas air co-ionannachd agus riochdachadh nas fheàrr aig gach ìre den bhuidhinn againn agus thairis air ar prògraman air fad.

Tha Pàirc na Camais ag amas air àrainneachd shàbhailte bhrosnachail a thabhann don a h-uile duine, agus air cur às do leth-bhreith stèidhichte air aois, ciorram, fèin-aithne gnè, inbhe pòsaidh no com-pàirteachais shìobhalta, inbhe leatromais no pàrantachd, cinneadh, a’ gabhail a-steach dath craiceann, nàiseantachd, tùs cinnidh no nàisein, cràbhachd no creideamh, gnè, no taobhachd-feise. A bharrachd air seo, bidh sinn ag amas air cur às do leth-bhreith stèidhichte air blas-cainnt, eachdraidh foghlaim, taisbeanadh gnè, inneach no stoidhle fuilt, comharran agus/no tatùthan co-cheangailte ri gnàthasan ro-cholòiniach, iomadachd-inntinn, slàinte bhodhaig agus inntinn, meud, agus inbhe no eachdraidh socio-eaconamach. Mar a bhios cainnt, briathran agus abairtean ag atharrachadh, tha e mar rùn aig Pàirc na Camais a bhith a’ dèanamh lèirmheas air an aithris seo gu cunbhalach – agus cho tric ’s a bhios iomchaidh – còmhla ri ar coimhearsnachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Bi mothachail gun cùm sinn tagraidhean gu h-eileagtronaigeach fad bliadhna. Cha tèid an dàta a tha an cois an iarrtais agad a chleachdadh airson adhbhar sam bith eile ach a-mhàin geàrr-liostadh, ruith agus tomhas air a’ phrògram. Cha toir sinn fiosrachadh mud dheidhinn do phartaidh sam bith eile gun chead bhuat.

B’ fheàrr leinn gun a bhith a’ faighinn iarrtasan tron phost. Ach ma tha thu airson stuthan a bharrachd a chur thugainn an cois an iarrtais gad, m.e. catalogan, cuir iad don seòladh gu h-ìosal. Ma tha thu ag iarraidh gun till sinn na stuthan seo thugad, cuir thugainn cèis le postachd pàighte agus do sheòladh fhèin air.

Muinntireas do Sgrìobhaiche Gàidhlig Òg 2025
Pàirc na Camais, Cnoc Pheutain, Camas, Earra-ghàidheail agus Bòid, Alba, G84 0PE

Airson barrachd fiosrachaidh cuir fios gu:

Alex Marrs, Àrd-riochdaire – Muinntireasan
01436 850500
[email protected]
www.covepark.org

Ceann-latha airson thagraidhean: Dihaoine 25 Iuchar 2025 (5f BST)