Muinntireas do Sgrìobhadair Gàidhlig Òg
Air fhoillseachadh: 26 Cèitean 2022 ann an Naidheachdan
’S e muinntireas ùr làn-mhaoinichte do sgrìobhadairean Gàidhlig eadar 18 agus 25 a th’ anns a’ Mhuinntireas do Sgrìobhaiche Gàidhlig. Bidh am muinntireas dà sheachdain seo a’ tachairt eadar Diluain 29 Lùnastal agus Didòmhnaich 11 Sultain 2022, agus gheibh an tagraiche soirbheachail tuarastal, cuibhreann siubhail is rannsachaidh, agus comhairleachadh aon-ri-aon le ùghdar Gàidhlig stèidhichte. Is e an ceann-latha airson tagraidhean Diluain 20 Ògmhios (aig meadhan oidhche).
Is e muinntireas ùr a tha seo a tha air a mhaoineachadh le Comhairle nan Leabhraichean agus air a chruthachadh ann an co-obrachadh le Cove Park.
Prìomh-fhiosrachadh
- Bidh am muinntireas aig Cove Park a’ tachairt eadar Diluain 29 Lùnastal agus Didòmhnaich 11 Sultain 2022.
- Gheibh an Sgrìobhaiche tuarastal muinntireis iomlan de £900 (£450 san t-seachdain), a bharrachd air cuibhreann siubhail de suas ri £300 agus cuibhreann rannsachaidh suas ri £200.
- Gheibh an Sgrìobhaiche ceithir seiseanan comhairleachaidh aghaidh-ri-aghaidh còmhla ri ùghdar Gàidhlig stèidhichte. Tha am pròiseact a’ pàigheadh airson seo.
- Bidh am muinntireas a’ gabhail a-steach tachartas aig Cove Park air an dàrna seachdain, agus aontachaidh an Sgrìobhaiche, Cove Park agus Comhairle nan Leabhraichean cruth agus sgòp an tachartais seo.
- Tha na muinntireasan air an dealbhadh gus taic a chumail ri cruthachadh obair ùr, rannsachadh agus tionnsgalachd.
- Cumaidh sgioba Cove Park taic ri rannsachadh agus riatanasan pragtaigeach ro agus rè a’ mhuinntireis.
Na tha Cove Park a' toirt seachad
- Àite-fuirich/àite prìobhaideach fa leth air an làraich aig Cove Park.
- Àite-obrach agus àite coinneachaidh taobh a-staigh Togalach coitcheann Jacobs, anns a bheil leabharlann cuideachd, seòmar ruith-thairis mòr le làr fiodha, cidsin is àite-ithe plana fosgailte, agus goireasan nigheadaireachd.
- Cothrom gun chrìoch air an làraich 50-acair.
Cò as urrainn tagradh a dhèanamh?
Airson a bhith ion-roghnach feumaidh tu a bhith nad sgrìobhaiche Gàidhlig eadar 18 agus 25 bliadhna a dh’aois a tha stèidhichte ann an Alba.
Ciamar a nithear tagradh?
Faodar tagraidhean a chur a-steach tron fhoirm tagraidh air-loidhne. Feumaidh na leanas a bhith san Fhoirm Iarrtais:
- D’ ainm agus fios conaltraidh.
- Aithris sa Ghàidhlig (500 facal no nas giorra) a’ toirt cunntas goirid air an obair làithrich agad an-dràsta agus air carson a bhiodh ùidh agad anns a’ chothrom muinntireis agus meantoraidh seo.
- An Cunntas-beatha agad, a’ gabhail a-steach ainmean agus fiosrachadh conaltraidh aig dithis luchd-teisteanais proifeasanta, bho thidsear, oide, neach-fastaidh, mar eisimpleir (thoir an aire nach cuir sinn fios chun luchd-teisteanais agad ach a-mhàin ma thèid do thagradh a chur air a’ gheàrr-liosta airson agallamh ).
- Liosta de na sampallan de dh’obair a tha thu a’ toirt dhuinn.
Luchdaich suas na sgrìobhainnean a leanas no an stuth taic anns an Fhoirm Tagraidh:
- Rosg, 500 facal no nas lugha (gun a bhith nas fhaide na 2 dhuilleig). Bàrdachd, suas ri 4 dàin (gun a bhith nas fhaide na 4 duilleagan). Faodaidh tu rosg no dàin Beurla a chur a-steach mar eisimpleir den obair agad, ach dèan cinnteach gu bheil co-dhiù 50% den stuth taic agad sgrìobhte sa Ghàidhlig.
Gabhaidh sinn ri tagraidhean ann an cruth claisneachd no bhidio nam b’ fheàrr leat sin seach iarrtas sgrìobhte. Ma tha thu den bheachd gu bheil ciorram ort, innis dhuinn a bheil atharrachaidhean reusanta sam bith a dhìth air a’ phròiseas tagraidh a bhiodh na chuideachadh dhut. Ma tha thu airson bruidhinn air seo, no ma tha feum agad air cuideachadh le bhith a’ dèanamh an tagraidh agad, cuir fios gu Riochdaire Phrògraman is Conaltraidh Cove Park, Alex Marrs gu dìreach.
Pròiseas geàrr-liosta agus taghaidh
Bidh cuireadh do dh’agallamh stèidhichte air na slatan-tomhais a leanas:
-
- Càileachd do bheachdan agus do chuid obrach.
- Carson a tha feum agad air ùine fhada de rannsachadh is leasachadh, agus na h-adhbharan a th’ agad airson cur a-steach airson a’ phrògraim seo.
- An ùidh a th’ agad ann a bhith ag obair taobh a-staigh coimhearsnachd de luchd-ealain.
Leigidh sinn fios gun d’ fhuair sinn an tagradh agad cho luath ’s a gheibhear e. Bidh ceangal san fhios-freagairt againn ris an fhoirm sgrùdaidh Co-ionannachd, Iomadachd is In-ghabhail gun urra againn. Bhiomaid nur comainn nan lìonadh sibh seo. Mura faigh thu am fios-freagairt seo, cuir fios gu Cove Park gu dìreach gus dearbhadh gun d’ fhuaras an tagradh agad.
Nithear geàrr-liosta de na h-iarrtasan airson agallamh le Cove Park agus Comhairle nan Leabhraichean còmhla ris a’ chomhairliche bhon taobh a-muigh agus Rody Gorman a bha air muinntireas aig Cove Park.
Thèid fios a chur chun a h-uile tagraiche an deach an tagradh aca a chur air a’ gheàrr-liosta airson agallamh ro Dihaoine 24 Ògmhios 2022. Thèid agallamhan a chumail tro Zoom san t-seachdain a’ tòiseachadh Diluain 27 Ògmhios 2022. Air a’ phannal agallaimh bidh buill de sgiobaidhean Cove Park agus Comhairle nan Leabhraichean, agus comhairliche prògraim.
Tha sinn airson gum bi na cothroman muinntireis, na prògraman agus na goireasan againn fosgailte, in-ghabhalach agus fàilteachail do na h-uile. Tha sinn a’ dèanamh ath-sgrùdadh aig an àm seo air mar a dh’obraicheas sinn a dh’ionnsaigh barrachd co-ionannachd taobh a-staigh gach ìre den bhuidhinn againn agus thar gach prògraim.
Tha sinn gu gnìomhach a’ brosnachadh thagraidhean bho gach cùl-raon agus coimhearsnachd, bho dhaoine a tha eadar-mheasgte a thaobh cinnidh, daoine air a bheil ciorram, agus a h-uile duine nach robh air an riochdachadh gu leòr gu h-eachdraidheil taobh a-staigh na roinne cultarail. Tha e na rùn dhuinn an sòisealtas air fad a riochdachadh nas fheàrr sa phrògram againn a thaobh cinneadh, creideamh, comas, gnè, taobhadh-fèise, aois agus inbhe shòisio-eaconamach.
Thoir an aire: stòraidh sinn tagraidhean gu dealanach airson bhliadhna. Cha tèid an dàta a tha san tagradh agad a chleachdadh airson adhbhar sam bith ach a bhith a’ cruthachadh geàrr-liosta, a’ ruith agus a’ measadh a’ phrògraim. Cha toir sinn d’ fhiosrachadh gu treas pàrtaidhean sam bith gun chead fhaighinn bhuat.
B’ fheàrr leinn gun tagraidhean fhaighinn tron phost. Ach, ma tha thu airson stuthan a bharrachd a chur a-steach, leithid catalogan, leis an iarrtas agad nach cuir thu chun an t-seòlaidh gu h-ìosal iad. Ma tha thu airson gun tèid an stuth seo a chur air ais thugad, cuir cèis le do sheòladh agus stampa na chois.
Ceann-latha airson tagraidhean: Diluain 20 Ògmhios 2022 (meadhan-oidhche)



