Taic do Sgrìobhadairean

Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ cumail taic ri sgrìobhadairean Gàidhlig le bhith a’ roinn taic maoineachaidh tro thabhartasan barantais. Chan e foillsichear a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean ach gheibhte comhairle agus stiùireadh bhuainn a thaobh an ath cheum airson leabhar fhaighinn ann an clò.

Bithear a’ gabhail ri iarrtasan ceithir tursan sa bhliadhna ionmhasail (Giblean-Màrt), agus thathar a’ dèiligeadh ri nan tagraidhean taobh a‑staigh raoin-ama ainmichte.  Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois.

Aon uair ‘s gun tòisich pròiseact, cha bhi e ceadaichte taic-airgid fhaighinn: cha bhi sinn a’ toirt seachad retrospective funding.

Comataidh nan Tabhartas

’S e Comataidh nan Tabhartas a bhios a’ dèanamh co-dhùnadh a thaobh nan tagraidhean a gheibh taic agus an ìre de mhaoin a bhios air a shònrachadh. Tha buill na comataidh air an tarraing bho Bòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson 2026-27, ’s iad buill Chomataidh nan Tabhartas: Peigi Nic a’ Phiocair agus Aonghas MacCoinnich (agus aon àite eile ri lìonadh).

Cinn-latha

An ath cheann-latha airson iarrtasan: 12 Ògmhios 2026 (airson coinneamh an t-Iuchar 2026)

An ath choinneamh de Chomataidh nan Tabhartas: An t-Iuchar 2026

Tabhartasan Barantais

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ tabhann cuideachadh do dh’ùghdaran a tha ag amas air a bhith a’ s…

Barrachd fiosrachaidh

Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2027

Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2027 a-nis fosgailte do thagraidhean. Is e Diciadain 29 Iuchair…

Barrachd fiosrachaidh

Cùrsaichean Gràmair agus Cleachdaidhean Cànain airson Sgrìobhadairean

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ lìbhrigeadh chùrsaichean gràmair agus cleachdaidhean cànain airso…

Barrachd fiosrachaidh

Na Duaisean Litreachais 2026

Riaghailtean agus Stiùireadh Ceann-latha airson thagraidhean: 5.00f, Dihaoine 01 Cèitean 2026 Tha Na…

Barrachd fiosrachaidh

Clàr-iarrtais Tabhartas Barantais

Clàr-iarrtais – Tabhartas-Barantais – PDF Clàr-iarrtais – Tabhartas-Barantais – Microsoft WORD Samha…

Barrachd fiosrachaidh

Farpais Ficsean 50 Facal

Tha farpais Ficsean 50 Facal an Ògmhios le Urras Leabhraichean na h-Alba a-nis fosgailte. Air a’ mhì…

Barrachd fiosrachaidh

Cothroman Sgrìobhaidh

Seo liosta de dh’fharpaisean-sgrìobhaidh agus chothroman eile a tha a’ cur fàilte air tagraidhean Gà…

Barrachd fiosrachaidh