Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ cumail taic ri foillsichearan a tha ag amas air litreachas Gàidhlig a chur an clò le bhith a’ roinn taic maoineachaidh tro thabhartasan barantais is thabhartasan foillseachaidh. Chan e foillsichear a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean ach gheibhte comhairle agus stiùireadh bhuainn a thaobh an ath cheum airson leabhar fhaighinn ann an clò.
Bithear a’ gabhail ri iarrtasan ceithir tursan sa bhliadhna ionmhasail (Giblean-Màrt), agus thathar a’ dèiligeadh ri nan tagraidhean taobh a‑staigh raoin-ama ainmichte. Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois.
Comataidh nan Tabhartas
’S e Comataidh nan Tabhartas a bhios a’ dèanamh co-dhùnadh a thaobh nan tagraidhean a gheibh taic agus an ìre de mhaoin a bhios air a shònrachadh. Tha buill na comataidh air an tarraing bho Bòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson 2026-27, ’s iad buill Chomataidh nan Tabhartas: Peigi Nic a’ Phiocair agus Aonghas MacCoinnich (agus aon àite eile ri lìonadh Ògmhios 2026).
Cinn-latha
An ath cheann-latha airson iarrtasan: 12 Ògmhios 2026 (airson coinneamh an t-Iuchar 2026)
An ath choinneamh de Chomataidh nan Tabhartas: An t-Iuchar 2026
Tabhartasan Barantais
Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ tabhann cuideachadh do dh’fhoillsichearan a tha airson ùghdaran f…
Barrachd fiosrachaidhNa Duaisean Litreachais 2026
Riaghailtean agus Stiùireadh Ceann-latha airson thagraidhean: 5.00f, Dihaoine 01 Cèitean 2026 Tha Na…
Barrachd fiosrachaidhClàr-iarrtais Tabhartas Barantais
Clàr-iarrtais – Tabhartas-Barantais – PDF Clàr-iarrtais – Tabhartas-Barantais – Microsoft WORD Samha…
Barrachd fiosrachaidhTabhartasan Foillseachaidh
Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ tabhann cuideachadh do dh’fhoillsichearan a tha ag amas air leabh…
Barrachd fiosrachaidhClàr-iarrtais Tabhartas Foillseachaidh
Clàr-iarrtais – Tabhartas-Foillseachaidh – PDF Clàr-iarrtais – Tabhartas-Foillseachaidh – riochd Mic…
Barrachd fiosrachaidhA’ cur air dòigh tachartas
A bheil ùidh agad ann a bhith a’ cur air dòigh tachartas litreachais Gàidhlig no cur-air-bhog leabha…
Barrachd fiosrachaidh
