Fiosrachadh
Urras Leabhraichean nan Eilean Gàidhlig/Beurla, 47 duilleag, còmhdach bog.
Ann an 1880, chuir am boireannach dàna seo, nach do dh’fhàg riamh eilean a h-òige, ’s gun facal Beurla aice, an aghaidh gach cunnart is gàbhadh gus am biodh i còmhla ris an duine aice air fàsaichean an-iochdmhor Chanada.
“Rinn gach neach a chuala càit an robh mi a’ dol, agus na trioblaidean a bhiodh mam choinneamh… an dearbh dhìcheall stad a chur orm bhon ghnothaich chunnartach a chuir mi romham.”
Thig còmhla ri Iseabail air an eachdraidh tharraingeach seo, far an toir gach duilleag thu nas fhaisge air cridhe boireannach iongantach agus a turas anabarrach do shaoghal ùr coimheach. Tha a sgeulachd a’ nochdadh an seo ann an Gàidhlig airson a’ chiad turais.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.