An Staran

Petra J. Poncarova

£12.00

gd

Tha Ruaraidh MacThòmais aithnichte mar bhàrd, ach san leabhar seo tha Petra J. Poncarová air an sgrìobhadh rosg ealanta aige – aistean, sgeulachdan, lèirmheasan – a chruinneachadh ann an aon leabhar.

ISBN: 9781789071702

Format: Paperback

Foillsichear: Acair

Ceann-latha foillseachaidh: 10 Màrt 2025

Chan eil gin air fhàgail againn.

Fiosrachadh

Acair, 2025. 272 duilleag. Còmhdach bog.

Tha Ruaraidh MacThòmais (1921–2012) aithnichte mar bhàrd, ollamh, agus iomairtiche as leth na Gàidhlig – ach a bharrachd air sin, b’ e sgrìobhadair rosg ealanta agus neach-naidheachd geur a bh’ ann. Anns an leabhar seo, gheibhear, airson a’ chiad turas, a h-uile sgeulachd ghoirid a dh’fhoillsich MacThòmais agus a chaidh lorg gu ruige seo, còmhla ri taghadh de sgrìobhaidhean eile a nochd ann an Gairm, an ràitheachan a chuir MacThòmais air bhonn còmhla ri Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill: lèirmheasan air leabhraichean a ghlac aire MhicThòmais, aithisgean-siubhail à Canada agus às na dùthchannan Lochlannach, colbhan-beachd, agus aistean air Gàidhlig agus poilitigs. Anns na pìosan seo, chithear lèirsinn fharsaing, spèis do charaidean agus do sgrìobhadairean eile, faireachdainnean domhainn, àbhachdas, agus beachdan MhicThòmais air an toirt am follais ann an dòigh ùr is brìoghmhor.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “An Staran”

Your email address will not be published. Required fields are marked *