Ainmeil Thar Cheudan: Presentations to the 2011 Sorley MacLean Conference

Ronald W. Renton & Ian MacDonald (Deasaichean)

£8.00

gd

Bhiodh ceud bliadhna air a’ bhliadhna 2011 bho rugadh Somhairle MacGill-Eain, agus airson sin a chomharrachadh chumadh co-labhairt ann an Ògmhios na bliadhna sin ann an Sabhal Mòr Ostaig.

ISBN: 9780956261540 Seòrsa:

ISBN: 9780956261540

Foillsichear: Clò Ostaig

Ceann-latha foillseachaidh: 29 Ògmhios 2016

Chan eil gin air fhàgail againn.

Fiosrachadh

Clò Ostaig, 2016. 183 duilleag. Còmhdach bog.

Leabhar agus DVD.

Bhiodh ceud bliadhna air a’ bhliadhna 2011 bho rugadh Somhairle MacGill-Eain, agus airson sin a chomharrachadh agus airson gun dèante meòrachadh farsaing air an dìleab phrìseil a dh’fhàg e mar bhàrd, mar sgrùdaire litreachais, mar fhoghlamaiche agus mar eachdraiche, chumadh co-labhairt ann an Ògmhios na bliadhna sin ann an Sabhal Mòr Ostaig, far an robh MacGill-Eain air a bhith glè eòlach. Chnuasaicheadh iomadh taobh de bheatha is de shaothair duine a bha fìor shònraichte, agus eadar an leabhar seo agus a’ chlàrag a tha na chois gheibhear fichead sealladh fa leth air a dhualchas is air na rinn e. Is math as fhiach iad an leughadh is an èisteachd.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig ()

Be the first to review “Ainmeil Thar Cheudan: Presentations to the 2011 Sorley MacLean Conference”

Your email address will not be published. Required fields are marked *