Oiteagan on Iar

£11.99

gd

Dè dìreach a thachair aig an tobair eadar Màiri ‘s an saor Gallda agus dè a’ bhinn a chuireas am britheamh a-mach aig a cheann thall?

ISBN: 2936 Seòrsa:

ISBN: 9781907165498

Foillsichear: Akerbeltz

Ceann-latha foillseachaidh: 08 Samhain 2022

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Akerbeltz 2022 Còmhdach bog, 94 duilleag.

Rugadh Iain MacCormaig ann am Muile mun bhliadhna 1870. Sgrìobh e iomadh sgeulachd ghoirid rè a bheatha agus cuid dhe na nobhailean as sine a th’ againn ann an Gàidhlig. Tha buaidh an taighe-chèilidh follaiseach air an sgrìobhadh aige mar a chithear sa chruinneachadh de sgeulachdan goirid – a chaidh fhoillseachadh ann an 1908 a’ chiad turas – seo cuideachd.

Dè dìreach a thachair eadar Màiri agus an saor gallda aig an tobar agus dè chanas an luchd-breith? An till Iain ri tìde airson ‘S leam fhèin an Gleann a chluich mus pòs a leannan fear eile? Agus ciamar a dh’èireas ri Eachann is e ceangailte ri craobh le gunna ris a chridhe agus ròp eadar sgailc a’ ghunna agus each?

Chaidh an tionndadh seo a chlò-shuidheachadh às ùr agus chaidh an litreachadh a sgioblachadh agus ùrachadh.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Oiteagan on Iar”

Your email address will not be published. Required fields are marked *