Inneal na Tìme

H. G. Wells

£8.99

gd

Nuair a dh’fhoillsich e The Time Machine ann an 1895, chruthaich H.G. Wells gnè ficsean ùr sa Bheurla. Shoirbhich le Wells gu mòr na sgrìobhadair, gu ìre mar thoradh air a’ chliù a choisinn e airson The Time Machine.

ISBN: 9781838052423

Foillsichear: Moray Watson

Ceann-latha foillseachaidh: 22 Giblean 2025

Chan eil gin air fhàgail againn.

Fiosrachadh

Follais. 174 duilleag. Còmhdach bog.

’S e sgeul-frèam a th’ anns an leabhar. Aig toiseach ghnothaichean, èistidh ar neach-aithris ri mìneachaidhean saidheansail (nach tuig e) bhon phrìomh phearsa, nach eil ainmichte uair sam bith san leabhar. ’S e an Siùbhlaiche-tìme a th’ air an neach-aithris air a’ charactar èasgaidh seo. Nuair a chanas an Siùbhlaiche-tìme gu bheil e air inneal a dhealbhadh a tha comasach air triall air ais ’s air adhart tro thìm, cha chreid luchd-èisteachd idir e. Ach an ath uair a choinnicheas a’ bhuidheann aig taigh an t-Siùbhlaiche-tìme, cluinnidh iad sgeulachd a dh’fhàgas e doirbh dhaibh a bhith cho cinnteach.

Seo a’ chiad uair a chuireadh Gàidhlig air an nobhail. San eagran seo, gheibhear aiste fhada, a tha a’ mìneachadh cuid de na dùbhlain a tha an sàs anns a leithid de dh’obair.

Tha Moray Watson na àrd-ollamh ann an Oilthigh Obar Dheathain, far am bi e a’ teagasg agus a’ rannsachadh an dà chuid Gàidhlig agus Eadar-theangachadh. Ann an 2012, dh’fhoillsich Evertype an tionndadh Gàidhlig aige den nobhail Alice’s Adventures in Wonderland. Dh’eadar-theangaich e The Hobbit, a chuireadh an clò le Evertype a-rithist, ann an 2025. A-nis, tha e ag eadar-theangachadh A Study in Scarlet, a thèid fhoillseachadh le Follais ann an 2026.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Inneal na Tìme”

Your email address will not be published. Required fields are marked *


You may also like…