Slaightearan

Tormod MacGill-Eain

£8.99

gd

Tha Murchadh ann an staing a‑rithist – mar bu mhinig a bha.

ISBN: 9781900901307 Buinidh seo ri: ,

ISBN: 9781900901307

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 13 Màrt 2008

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Clàr, 2008. 125 duilleag. Còmhdach bog.

Tha Murchadh ann an staing a‑rithist – mar bu mhinig a bha. Tha cunnart ann gun caill e na rudan as luachmhoire a th’ aige – a leannan ard eireachdail, Raonaid, is caitheamh‑beatha a tha a’ tighinn ris gu mòr. Cha toir ise dha ach an aon chothrom, is feumaidh e bhith sgiobalta.

Ach tha Murchadh na chleasaiche, is ’s dòcha gu bheil cleas ann a bheir fuasgladh dha. Is co aige a tha fios an uair sin co a bhios na shuidhe sa Chowgate an Dun Eideann, gun dachaigh, a’feitheamh ri Seirbheisean Shoisealta?

Sgeulachd aotrom eile o Thormod (a tha cuideachd air CumhnantanKeino agus Dacha Mo Ghaoil a sgrìobhadh), a’ chuid mhòr dhith a’ tachairt san Eilean Sgitheanach, ged a tha Badhlach, Tuathach is Leòdhasach aig cridhe gnothaich. Agus chan eil math dearmad a dhèanamh air Iain (a chunnaic bhana a’ tulgadh air cidhe Ùige) no Mòrag Hearach no Suki. Chan eil ise às an àite a shùilicheadh tu, ach anns an leabhar seo ‘s e glè bheag a tha mar a shùilicheadh tu, ach gu bheil e èibhinn is eirmseach!

“An nobhail as fhearr a rinn Tormod MacGill-Eain?”
– Raghnall MacilleDhuibh, The Scotsman 2008

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Slaightearan”

Your email address will not be published. Required fields are marked *