Fo Fhasgadh Beinn Chianabhail

Mòrag Anna NicNèill

£9.99

gd

Chan eil Baile a’ Chamais cho blàth is càirdeal sa bha e ann an cuimhne Choinnich.
Leabhar Feuch Ficsean.

ISBN: 3181 Seòrsa:

ISBN: 9781789071917

Foillsichear: Acair

Ceann-latha foillseachaidh: 17 Sultain 2025

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Acair, 2025. 158 duilleag. Còmhdach bog.

Nuair a tha Coinneach a’ tilleadh chun an eilein às dèidh a bhith air falbh fad bhliadhnaichean, tha e an dùil beatha mhath a dhèanamh dha fhèin ann an seann taigh a sheanmhar. Ach chan fhada gus a bheil e a’ tuigsinn nach eil cùisean gu bhith cho furasta ’s a bha e an dùil. Chan eil sgeul air a’ choimhearsnachd bhig bhlàth air a bheil cuimhne aige, agus chan eil a h-uile duine ann am Baile a’ Chamais cho dèidheil air a’ choigreach a th’ air tighinn nam measg. Chan fhada cuideachd gus a bheil rudan neònach a’ tachairt dha, a tha ga fhàgail fo eagal is fo imcheist. Tha e air a bhuaireadh le trioblaidean, agus cuideachd le Ella bheag bhalbh, a tha beò ann an saoghal dhi fhèin is i a’ cur seachad a beatha a’ ruith nam monaidhean a’ lorg shìthichean. A bheil Coinneach a’ dol às a chiall, no a bheil sradag fìrinne anns na h-uirsgeulan os-nàdarrach a bhiodh e a’ cluinntinn aig a sheanmhair nuair a bha e beag? A rèir coltais, cha ghann na rùintean-dìomhair a tha Beinn Chianabhail a’ cleith.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Fo Fhasgadh Beinn Chianabhail”

Your email address will not be published. Required fields are marked *