Fiosrachadh
Stòrlann.
Tha Breatainn gu math eagalach do Nadine. Chan ann eagalach mar a tha saighdearan, no togalaichean nan teine, no fuaim ghunnaichean. Ach eagalach ann an dòighean eile.
Nam biodh a h-athair an seo.
Ach chan eil ann a-nis ach Nadine, a màthair agus a bràthair beag.
Chan eil caraidean aca, chan eil Beurla aca, agus chan eil beachd aca am faic iad athair Nadine a-rithist.
Ach an uair sin tha Nadine a’ lorg dealbh sònraichte, agus tha i a’ bruadar bruadar sònraichte.





Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.