Athair / Father

Christopher Whyte

£12.00

gd

Dè mar a bu chòir dhut dèligeadh mura bheil faclan mar “gaol”, “teaghlach”, “pàrantan” a’ ciallachadh an aon rud air do shon ’s airson nan daoin’ eile? Bidh an cruaidh-chàs nas trioblaidiche mas e bàrd a th’ annad, is na faclan fhèin ’nan ceàrd agad.

ISBN: 9781739425661

Foillsichear: Francis Boutle

Ceann-latha foillseachaidh: 24 Iuchar 2024

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Francis Boutle Publishers, 2024. 123 duilleag. Còmhdach bog.

Tha na h-àireamhan a’ dèanamh foillsichte gum bi a’ chuid as motha den chloinn a dh’fhuilingeas milleadh feiseil ’nan ìobairtean aig ball den teaghlach aca fhèin, duine anns an robh iad a’ cur an earbsa – mar as trice, aig pàrant. Dè mar a bu chòir dhut dèligeadh mura bheil faclan mar “gaol”, “teaghlach”, “pàrantan” a’ ciallachadh an aon rud air do shon ’s airson nan daoin’ eile? Bidh an cruaidh-chàs nas trioblaidiche mas e bàrd a th’ annad, is na faclan fhèin ’nan ceàrd agad.

Tha an naoidheamh cruinneachadh le Crìsdean MacIlleBhàin a’ cur aghaidh-san ri cuid de na creideamhan ’s na toirmeasgan fìor-choisrigte air an tèid ar sòisealtas a thogail – gu bheil a’ chlann sàbhailte ann an cùram am pàrantan, gu bheil an teaghlach ’na shuidheachadh freagarrach airson an àraich, gum bi leanabh a tha fo dhiachainn a’ lorg a dh’aithghearr inbhich a bhios comasach air na rudan a ghabhail fo làimh is cobhair a thoirt ris. Chan eil e cofhurtail idir a bhith leughadh nan dàintean seo, ged a tha e feumail, ’s iad drùidhteach agus bruailleanach aig an aon àm, leis cho brìoghmhor fosgarra ’s a tha iad.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Athair / Father”

Your email address will not be published. Required fields are marked *


You may also like…