Fiosrachadh
Evertype, 2012. 141 duilleag.
A’ Ghàidhlig le Moray Watson.
“An rathad sin,” ars an Cat, a’ smèideadh a spòige deise mun cuairt, “tha Adair a’ fuireach: agus an rathad ud,” a’ smèideadh a spòige eile, “tha Geàrr a’ Mhàirt a’ fuireach. Tadhail air fear seach fear dhiubh mar a thogras tu: tha an ditish aca às an ciall.”
“Ach chan eil mi airson a bhith am measg dhaoine a tha às an ciall, thuirt Ealasaid.
“O, chan eil atharrach ann,” ars an Cat: “tha sinn uile às ar ciall an seo. Tha mise às mo chiall. Tha thusa às do chiall.”
“Ciamar a tha fhios agad gu bheil mise às mo chiall?” arsa Ealasaid.
“Feumaidh gu bheil,” ars an Cat, “air neo cha bhiodh tu air tighinn an seo.”
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.