Fiosrachadh
Acair, 2025. 158 duilleag. Còmhdach bog.
Nuair a tha Coinneach a’ tilleadh chun an eilein às dèidh a bhith air falbh fad bhliadhnaichean, tha e an dùil beatha mhath a dhèanamh dha fhèin ann an seann taigh a sheanmhar. Ach chan fhada gus a bheil e a’ tuigsinn nach eil cùisean gu bhith cho furasta ’s a bha e an dùil. Chan eil sgeul air a’ choimhearsnachd bhig bhlàth air a bheil cuimhne aige, agus chan eil a h-uile duine ann am Baile a’ Chamais cho dèidheil air a’ choigreach a th’ air tighinn nam measg. Chan fhada cuideachd gus a bheil rudan neònach a’ tachairt dha, a tha ga fhàgail fo eagal is fo imcheist. Tha e air a bhuaireadh le trioblaidean, agus cuideachd le Ella bheag bhalbh, a tha beò ann an saoghal dhi fhèin is i a’ cur seachad a beatha a’ ruith nam monaidhean a’ lorg shìthichean. A bheil Coinneach a’ dol às a chiall, no a bheil sradag fìrinne anns na h-uirsgeulan os-nàdarrach a bhiodh e a’ cluinntinn aig a sheanmhair nuair a bha e beag? A rèir coltais, cha ghann na rùintean-dìomhair a tha Beinn Chianabhail a’ cleith.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.