Fiosrachadh
Belle Media, 2024. 32 duilleagan. Còmhdach bog.
Tha sgeulachdan Phaddington air còrdadh ri cloinn bho air feadh an t-saoghail fad còrr is seasgad bliadhna.
Nuair a thèid Paddington còmhla ri Clann ’Ic ’IlleDhuinn gu Grotto na Nollaige ann am bùth mhòr ann an Lunnainn, tha a shlighe tro Fhèill a’ Gheamhraidh loma-làn iongantasan.
Ach ’s ann bho Bhodach na Nollaige a tha an t-iongantas as fheàrr. Co-dhiù, cò eile a gheibheadh am preusant a b’ fheàrr do mhathan leithid Paddington?







Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.