Fiosrachadh
Dazzling Spark Arts Foundation, 2024. 128 duilleag. Còmhdach cruaidh.
Tha an leabhar bàrdachd eadar-nàiseanta Depositions air cliù a chosnadh mu thràth airson nan dàn sgrìobhte ann an iomadh cànan bho gach ceàrnaidh dhen t-saoghal. Tha an dreachd ùr seo de Depositions air fhoillseachadh ann an cànanan Bhreatainn is Èirinn: Gàidhlig, Gaeilge, Cuimris agus Albais, gus Latha nam Fògarrach a chomharrachadh.
Sgrìobh Anton Floyd, e fhèin na fhògarrach, na dàin ann an cruth mòr-thurais, a’ sealltainn sgeul dhaoine air am fuadachadh bho na dachaighean aca: eagal is oillt air turasan èiginneach, na dùbhlain an lùib a bhith a’ tighinn gu dùthaich ùr agus an tùirse a thig à dealachadh – faireachdainnean a tha gu math aithnichte do dhaoine a rinn imrich.
Gàidhlig le Marcas Mac an Tuairneir; Albais le Gordon G. Kerr; Cuimris le Dafydd Owen.







Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.