Seòlaidh Mise Null

Iain Dhonnchaidh

£8.99

gd

Ged a tha iomadach bliadhna o dh’eug an t-Athair Iain MacIlleMhaoil à Barraigh (1880-1951), tha deagh chuimhne air fhathast – mar shagart, mar bhàrd agus mar dhuine air an robh meas mòr.

ISBN: 9781900901918 Seòrsa:

ISBN: 9781900901918

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 05 Gearran 2019

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

CLÀR, 2019. 171 duilleag. Còmhdach bog.

Bàrdachd is Rosg le Mgr Iain Dhonnchaidh.

Ged a tha iomadach bliadhna o dh’eug an t-Athair Iain MacIlleMhaoil à Barraigh (1880-1951), tha deagh chuimhne air fhathast – mar shagart, mar bhàrd agus mar dhuine air an robh meas mòr. Tha grunn dhe na h-òrain aige gan seinn fhathast, ach cha deach na rinn e a chruinneachadh cruinn còmhla thuige seo, is a-nis gabhaidh sealladh coileanta faighinn air na dh’fhàg e. Tha iomradh mionaideach air a bheatha aig toiseach an leabhair, agus chithear an uair sin a chunntas fhèin air mar a chaidh e a Chanada cuide ri luchd-imrich – cunntas a chraobh-sgaoil e ann an 1938 – agus an uair sin gheibhear a’ bhàrdachd.

Tha measgachadh math innte, eadar dàin spioradail, feadhainn fheallsanach, duanagan aotrom èibhinn, is eile. Choisinn Mgr Iain cliù mar eadar-theangair, is tha an cruinneachadh a’ crìochnachadh le laoidhean a thug e o chà­nanan eile. Tha aiste a sgrìobh e air beul-aithris Bharraigh san leabhar cuideachd, dà shearmon, agus iomradh blàth air fhèin le dlùth-charaid dha, Sir Compton MacCoinnich.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Be the first to review “Seòlaidh Mise Null”

Your email address will not be published. Required fields are marked *