Rannan Chloinne – Gairm airson thagraidhean

Air fhoillseachadh: 14 Iuchar 2025 ann an Naidheachdan

Gairm airson Bàrdachd Chloinne ùr sa Ghàidhlig

Tha Leabharlann Bàrdachd na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean ag obair còmhla gus piseach a thoirt air a’ ghainnead de bàrdachd cho-aimsireil Ghàidhlig do chloinn. Tha sinn a’ sireadh dàin ùra a tha ag amas air daoine òga aig aois na bun-sgoile. Tha seo na chothrom fìor mhath dhan a h-uile bàrd Gàidhlig agus thèid an obair a thèid a thaghadh a chur air bhog aig Na Duaisean Litreachais air 16 Sultain 2025.

Gheibh na bàird a thèid a thaghadh £200 airson an dàin aca agus £100 airson clàradh fuaime, a thèid a chur ris an làraich-lìn againn agus air àrd-ùrlaran didseatach.

’S e Pàdraig MacAoidh, Makar na h-Alba – ar bàrd nàiseanta – an deasaiche air a’ chruinneachadh seo. Taghaidh Pàdraig 10 dàin gu h-iomlan bho na tagraidhean, agus thèid an cur ri cruinneachadh air-loidhne de dhàin ùra do chloinn ann an Gàidhlig na h-Alba. Tha sinn an dùil seo fhoillseachadh gu poblach air an làraich-lìn againn ro dheireadh na Dàmhair.

Ceann-latha: 31 Lùnastal 2025 ro mheadhan-oidhche.

Airson foirm-iarrtais agus riaghailtean, seall air làrach-lìn Leabharlann Bàrdachd na h-Alba.