Playwrights’ Studio: Buidheann Sgrìobhadairean Gàidhlig

Air fhoillseachadh: 6 Iuchar 2023 ann an Naidheachdan

Playwrights’ Studio, Scotland. Photo by Ingrid Mur

Ceann-latha: Dihaoine 8 Sultain, 1f 

A bheil thu nad sgrìobhadair Gàidhlig agus ag iarraidh sgrìobhadh airson an àrd-ùrlair? A bheil beachd agad airson dealbh-chluich ach mì-chinnteach dè an ath-cheum? Is dòcha gum bi ar sreath de bhùithtean-obrach freagarrach dhut.

A’ tòiseachadh air an 13mh den t-Sultain, bidh diofar phroifeiseantaich bhon ghnìomhachas a’ stiùireadh bhùithtean-obrach thairis air 5 seachdainean, a’ toirt dhut cothrom a bhith a’ rannsachadh shlighean eile tron obair agad, le prìomhachas air cruthachadh sgrìobhadh Gàidhlig ùr airson an àrd-ùrlair. Aig a’ bhùth-obrach mu dheireadh bidh cothrom an obair agad fhaicinn air a thoirt beò le actairean agus stiùiriche.

Ma tha thu airson barrachd Gàidhlig fhaicinn air an àrd-ùrlar, clàraich airson cothrom a bhith a’ conaltradh, a’ co-obrachadh agus a’ cruthachadh còmhla ri sgrìobhadairean eile, gus am faic hig às thu dè an sgrìobhadh agad.

Thèid na bùithtean-obrach a chumail ann an Glaschu, agus daoine an làthair.

Bùithtean-obrach: cuine is càite

Bùth-obrach 1
Diciadain 13 Sultain, 6.30-8.30f
Stiùidio nan Dràmairean

Bùth-obrach 2
Diciadain 20 Sultain, 6.30-8.30f
Stiùidio nan Dràmairean

Bùth-obrach 3
Disathairne 30 Sultain, 11m-4f
Theatar Nàiseanta na h-Alba

Bùth-obrach 4
Diciadain 4 Dàmhair, 6.30-8.30f
Stiùidio nan Dràmairean

Bùth-obrach 5
Diciadain 11 Dàmhair, 6.30-8.30f
Stiùidio nan Dràmairean

Taisbeanadh den obair
Dihaoine 3 Samhain, 11m-4f
Theatar Nàiseanta na h-Alba