Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2025
Air fhoillseachadh: 27 Gearran 2025 ann an Naidheachdan

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba air na sgrìobhadairean a choisinn Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2025 ainmeachadh. Am measg an luchd-buannachaidh, tha dithis sgrìobhadair Gàidhlig.
‘S iad Petra Johana Poncarová (a’ sgrìobhadh bàrdachd fo ainm Johana Egermayer) agus Sarah NicRath a fhuair duaisean Ghàidhlig nan Sgrìobhadairean Ùra 2025. Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh le an cuid sgrìobhaidh sa bhliadhna a tha romhpa air a’ phrògram. Bidh Johana ag obair air bàrdachd agus bidh Sarah ag obair air pròiseact airson leabhar cloinne.
Criomag sgrìobhaidh bho Johana Egermayer:
Dealbhan Bhon Taisbeanadh
Lìonmhorachd solais
agus anns an t-solas seo, dealbhan
bho bhruadar – air neo bhon taisbeanadh,
a’ tighinn gu h-obann gu uachdar na cuimhne,
gun iarraidh, gun sireadh.
Boireannach ann an gàrradh fàs,
luibhean air an dàthadh le grian dhian,
làrach pàlais ri taobh na mara.
An tè mu dheireadh air fhàgail,
agus dà fhitheach-dubh.
Ciaradh corcarach na h-oidhche,
is samhla ann an aodach geal
a’ seasamh ann an doire
fo sgàil na beinne, is corran na làimh:
sealladh bho thìr nach eil buileach ann.
Duilleagan snàigeir mar bhoinneagan-fala,
clach-ghainmhich ann an solas buidhe
a tha cho blàth ri maitheanas ri thighinn,
air latha foghair, agus Iùdhas crùbte
ann an cleòc ciontach dubh.
Prìomh-sholasan a’ chàr air feasgar ceòthach,
agus a chlisge, air an rathad,
dà ghobhar-dhuine, fear is balach beag,
spiorsag bho shaoghal coimheach eile,
a tha, gu luath, a’ crìonadh ’s a’ caitheamh.
Teine nan lanntairean air an loch,
an long shìtheach a’ sleamhnachadh tron oidhche,
le nathair shlatach mar cheann-caol,
fear adharcach le sùilean claon ag iomramh,
raoitearachd sgìth is an linn air crìoch.
Ach am fairge gu h-àraid, am beò-ghlacadh le sàl.
Boillsgidhean solais tro chop is tuinn,
eàrr-ite na h-òighe-mhara air an uachdar,
cha mhòr ’s gum faic thu i air astar,
ach tha am priobadh seo a-mhàin
làn gheallaidhean is an-fhois a leanas.
Càit’ an d’fhuair am peantair seo a thogadh
ann an dùthaich a tha gu tur tìr-dhruidte,
sannt na mara gun chasg, is nach annasach
gun do dh’fhàs e cho eòlach air a’ chuan:
chualas sluisreachd shàmhach bho na frèaman.
Tha fios gun iarr am muir a bhith ga thadhail,
agus thug esan ùmhlachd dha,
thill e, uair is uair, agus mu dheireadh thall,
thrèig e, leig e dha,
is mairidh an tadhal seo gu sìor-sìorraidh.
Leum e le cliathaich na soithich air an t-slighe dhachaigh.
Cha b’ e ùthachd-fhèin a bh’ ann, ge-tà:
cha b’ e, cha b’ e,
ach caochladh-mara a bha fada dhìth,
’s air an robh e feumach fad a bheatha.
Mar chuimhneachan air Beneš Knüpfer (1848–1910)
Chaidh an dàn seo fhoillseachadh ann an Aimsir, (Lùnastal 2024), ed. Ursula O’Sullivan-Dale & Aisling Ní Choibheanaigh Nic Eoin.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu Petra Johana Poncarová agus a cuid sgrìobhaidh ri fhaighinn an seo: https://www.scottishbooktrust.com/writing-and-authors/new-writers-awards/petra-johana-poncarova
Criomag sgrìobhaidh bho Sarah NicRath:
Brot Grod
Shìos anns a’ choille
Bha rudeigin a’ goilleadh
Dà bhana-bhuidseach a’ gocadaich ’s a’ seinn
A’ bocadaich ’s a’ buiceil mun cuairt poite mòir, cruinn
“Casan damhan-allaidh agus
cluasan madaidh-allaidh
Plup, plob, plup, plob!
A-steach dhan a’ phoit!”
“Peapaigean is seanganan is
cnogan mòr de theangannan
Plup, plob, plup, plob!
Tha sinne a’ dèanamh brot!”
“Nathraichean is radan
is buinneagan is bradan
Plup, plob, plup, plob!
A-steach dhan a’ phoit!”
“Tha sinne a’ dèanamh brot!
Tha sinne a’ dèanamh brot!
Gheibh sinn rudan sgreamhail is
gheibh sinn rudan grod!”
Gu h-obann! Sguir iad ri seinn!
Sheas iad a’ coimhead a chèile thar a’ phoit mhòr, chruinn…
Bha fìos aig an dithis ac’ gun robh AON rud a dhìth
An rud as cudromaiche don reasapaidh
B’e corp bana-bhuidsich ugalaidh!
Agus ’s e sin an t-adhbhar a thòisich an strì…
“Tha thusa sgreamhail!”
“Uill, tha THUSA grod!”
Is dìreach mar sin, thòisich an trod!
Deiseal airson sabaid, aghaidh ri aghaidh
Dhiochuimhnich iad mun slatan-draoidh!
Thog iad an sguaban mar chlaidheamhan mòra
Geasagan neo draoidheachd, cha robh tìde gu leòr ann!
Le buille is le brag
Chaill tè dhiubh a h-ad
Le sgailc is le sgleoc
An tè eile a cleoc’
Air an sguaban a-nis os cionn na poit’
Bha e doirbh dhaibh fhaicinn am measg na toit
Slatan nan làmhan, thòisich na geasan
A’ lionadh an adhair mar theintean-ealain
Lasan mar dhealanach a’ boillsgeadh bhuap’
Mu dheireadh le buille, chaill tè a sguab
Thòisich i tuiteam car mu char
Nuair a bhuail i a caraid meadhon an adhair!
Fhuair iad greim teann
Air cas is air ceann
Is le sgal is le sgreuch,
Chaidh an dithis dhiubh SÌOS…
le PLUP! Is le PLOB!
A-steach dhan a phoit!
BROT GROD! BROT GROD!
Is e sin mar a ni thu brot grod!
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu Sarah NicRath agus am pròiseact sgrìobhaidh aice ri fhaighinn an seo: https://www.scottishbooktrust.com/writing-and-authors/new-writers-awards/sarah-nicrath
Tha Urras Leabhraichean na h-Alba ag obair còmhla ri Comhairle nan Leabhraichean gus taic a chumail ri sgrìobhadairean Gàidhlig air prògram Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra.


