Na Duaisean Litreachais 2023: Luchd-buannachaidh

Air fhoillseachadh: 15 Sultain 2023 ann an Naidheachdan

Chaidh buannaichean nan Duaisean Litreachais 2023 ainmeachadh aig cuirm ann an Cottiers Theatre, Glaschu, air Diardaoin 14 Sultain 2023. Chaidh duaisean a bhuileachadh ann an ceithir roinnean airson leabhraichean a bha foillsichte eadar 1 Cèitean 2022 agus 30 Giblean 2023, agus cuideachd airson làmh-sgrìobhainnean do dh’inbhich agus do chloinn/òigridh.

Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh
Donaidh Dathach – Gwen Bowie (Spòrs)

 

Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd (le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba)
Doras gun Chlàimhean – deas. Catrìona Mhoireach (Acair)

 

Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn airson Leabhar Ficsein
Crann-fìge: Sgeulachdan Goirid / Fig Tree: Short Stories – Donnchadh MacGillÌosa (Acair)

 

Duais Dhòmhnaill Meek airson Leabhar Neo-fhicsein
Gun Sireadh, Gun Iarraidh: The Tolmie Collection – deas. Kenna Chaimbeul & Ainsley Hamill (Acair)

 

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do Chloinn/Òigridh (le taic bho Acair)
Doris aig an Doras agus Sgeulachdan Eile – Shelagh Chaimbeul

 

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do dh’Inbhich
CEUM – Iain D. Urchardan

 

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ cur meal-a-naidheachd air an luchd-buannachaidh agus a’ toirt taing mhòr dhan h-uile neach agus buidheann a tha air cuideachadh leis Na Duaisean Litreachais 2023 – nam measg, Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comann Gàidhealach Lunnainn, Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, Acair, Dòmhnall Meek agus teaghlach an Ollamh Ruaraidh MhicThòmais, nach maireann.

Gheibhear na geàrr-liostaichean air fad an seo.