Na Duaisean Litreachais 2022: Luchd-buannachaidh
Air fhoillseachadh: 16 Sultain 2022 ann an Naidheachdan
Chaidh buannaichean nan Duaisean Litreachais 2022 ainmeachadh. Chaidh duaisean a thoirt seachad ann an ceithir roinntean airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2021 agus 30 Giblean 2022, agus cuideachd airson làmh-sgrìobhainnean do dh’inbhich agus do chloinn/òigridh, aig Cottiers Theatre, Glaschu, Diardaoin 15 Sultain 2022.
Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh
Dùbh as le Sylvia Hehir, eadar-theangaichte le Johan Nic a’ Ghobhainn (Garmoran Publishing)
Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd (le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba)
Eadar Ceòl is Corona le Dòmhnall Eachann Meek (CLÀR)
Duais Chomann Gàidhealach Lunnain airson Leabhar Ficsein
Constabal Murdo 2: Murdo ann am Marseille le Aonghas Pàdraig Caimbeul (Luath Press)
Duais Dhòmhnaill Meek airson Leabhar Neo-fhicsein
Ainmean Tuinneachaidh Leòdhais/ The Settlement Names of Lewis le Richard A.V. Cox (Clann Tuirc)
Làmh-sgìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do Chloinn/Òigridh (le taic bho Acair)
An Cat Coigreach le June C. Ghreumach
Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do dh’Inbhich
Am Measg Luaithrean Beò le Robbie MacLeod