Litir Gu Glaschu – Farpais Sgrìobhaidh Gàidhlig
Air fhoillseachadh: 19 Iuchar 2024 ann an Naidheachdan

Glaschu mòr nam bùthan, trang bho mhoch gu dubh. Tha Sràid Sauchiehall ainmeil airson nan togalaichean brèagha far am faighear bathar is biadh de gach seòrsa. Sna làithean seo bidh na Gàidheil a’ cruinneachadh aig a’ CCA airson Ceòl is Craic, ach bha ar sinnsearan sa bhaile seo fada mus do rugadh sinne. Tha Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean ag iarraidh ort Litir gu Glaschu a sgrìobhadh mun t-sràid seo. Dè na cuimhnichean a th’ agad? Na brògan spaideil a fhuair thu aig toiseach teirm na sgoile, a’ chèilidh Oidhche Challainn nuair a chaill thu am bus mu dheireadh, no dìreach latha obrach àbhaisteach. Innis dhuinn agus dh’fhaodadh tu duais a bhuannachadh.
Tha Litir Gu Glaschu/Letter to Glasgow na farpais bhliadhnal le Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean.
Mar a rinn sinn an-uiridh, tha Litir gu Glaschu cuideachd fosgailte do sgrìobhadairean Albais agus Ugràinis, ag aithneachadh gu bheil iomadach cànan, sean is ùr, anns a’ bhaile.
Mar a chuireas tu a-steach
Cuir an litir agad gu [email protected] ro Dhidòmhnaich 22 Sultain 2024 airson cothrom duais mhòr a bhuannachadh!
Leugh na riaghailtean gu faiceallach mus sgrìobh thu an litir agad agus mus cuir thu thugainn i – faic gu h-ìosal.
Duaisean (aon bhuannaiche anns gach roinn)
Gàidhlig le inbheach (aois 18+) £500
Albais le inbheach (aois 18+) £200
Ugràinis le inbheach (aois 18+) £200.
Thèid obair an luchd-buannachaidh fhoillseachadh ann an iris STEALL.
Daoine òga:
Àrd-sgoil
Àirleas leabhair £50, agus tiogaid theaghlaich airson Celtic Connections 2025.
Bun-sgoil:
Àirleas leabhair £50, agus tiogaid theaghlaich airson Celtic Connections 2025.
Riaghailtean
Feumaidh litrichean le inbhich a bhith fo 500 facal, agus litrichean le clann no daoine òga a bhith fo 250 facal.
Feumaidh litrichean a bhith ann an cruth Word mar fhaidhle ceangailte ris a’ phost-d agad. Cuir d’ ainm, seòladh dachaigh, àireamh fòn agus roinn na farpais (bun-sgoil, àrd-sgoil no inbheach) sa phost-d agad, ach na cuir d’ ainm no rud sam bith a dh’innseadh cò thu anns an litir fhèin, oir thèid a h-uile litir a mheasadh gun urra.
Gheibh an luchd-buannachaidh fios le post-d air 27 Sultain 2024, agus thèid ainmean an luchd-buannachaidh fhoillseachadh air làraichean-lìn Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean as dèidh sin.
