Litir Gu Glaschu 2025

Air fhoillseachadh: 23 Ògmhios 2025 ann an Naidheachdan

 
Eun, craobh, clag agus iasg. Am-bliadhna tha sinn ag iarraidh ort Litir gu Glaschu a sgrìobhadh a’ togail air na h-ìomhaighean seo a tha co-cheangailte ri sgeulachd a’ bhaile.

Is dòcha gun tèid do bhrosnachadh le sgeul Chinn-tighearna agus na bronn-deirge, no gum bi sealladh gu tur diofraichte agad air suaicheantas a’ bhaile san latha an-diugh.

Tha duaisean air leth rim faighinn – £500 airson na litreach as fheàrr le inbheach agus cothrom foillseachaidh san iris STEALL, agus àirleasan leabhair is tiogaidean teaghlaich airson Celtic Connections 2026 airson nan litrichean as fheàrr sgrìobhte le clann is daoine òga (fo aois 18).

Agus ma tha thu airson fonn a thogail an àite a bhith a’ sgrìobhadh, tha farpais ùr gu bhith ann airson òran air a bhrosnachadh leis a’ bhaile. Faigh a-mach mu dheidhinn Òran do Ghlaschu an seo.

Cuir an tagradh agad gu [email protected] air no ro 26 Sultain 2025 airson cothrom duaisean mòra a bhuannachadh!

Leugh na riaghailtean gu faiceallach mus sgrìobh thu an litir agad agus mus cuir thu thugainn i – faic gu h-ìosal.

Duaisean

(aon bhuannaiche anns gach roinn)

Inbhich (aois 18+): £500
Thèid obair an neach-buannachaidh inbheach fhoillseachadh ann an iris STEALL agus dh’fhaodadh cothrom a bhith ann a thaisbeanadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar

Daoine òga (àrd-sgoil): àirleas leabhair £50, agus tiogaid theaghlaich airson Celtic Connections 2026.

Clann (bun-sgoil): àirleas leabhair £50, agus tiogaid theaghlaich airson Celtic Connections 2026.


Riaghailtean agus Cumhachan
  • Feumaidh tagraidhean a bhith ann an Gàidhlig.
  • Feumaidh litrichean le inbhich a bhith fo 500 facal, agus litrichean le clann no daoine òga a bhith fo 250 facal.
  • Feumaidh litrichean a bhith ann an cruth Word mar fhaidhle ceangailte ris a’ phost-d agad. Cuir d’ ainm, seòladh dachaigh, àireamh fòn agus roinn na farpais (bun-sgoil, àrd-sgoil no inbheach) sa phost-d agad, ach na cuir d’ ainm no rud sam bith a dh’innseadh cò thu anns an litir fhèin, oir thèid a h-uile litir a mheasadh gun urra.
  • Gheibh an luchd-buannachaidh fios le post-d air 3 Dàmhair 2025, agus thèid ainmean an luchd-buannachaidh fhoillseachadh air làraichean-lìn Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean às dèidh sin.
  • Feumaidh gach neach ann am farpais nan inbheach a bhith saor airson an litir aca a chlàradh aghaidh-ri-aghaidh no air-loidhne air 6 no 7 Dàmhair.

Tha Litir gu Glaschu ga chur air dòigh le Glaschu Beò ann an co-bhann le Comhairle nan Leabhraichean agus le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.