Litir Gu Glaschu 2023
Air fhoillseachadh: 24 Iuchar 2023 ann an Naidheachdan

A bheil togalach ann an Glaschu a tha cudromach dhut? Àrd-eaglais no aitreabh mòr, bùth annasach no bothan beag, no dìreach taigh àbhaisteach, tha Glaschu Beò is Comhairle nan Leabhraichean ag iarraidh gun sgrìobh thu litir gu Glaschu mu thogalach a tha a’ ciallachadh rudeigin sònraichte dhut.
Am-bliadhna tha an fharpais fosgailte do dh’inbhich (18+) a bhith a’ sgrìobhadh litrichean ann an Albais no Ugràinis cuideachd!
Duaisean (aon bhuannaiche anns gach roinn):
Gàidhlig le inbheach (aois 18+) £400
Ugràinis le inbheach (aois 18+) £200
Albais le inbheach (aois 18+) £200
Litrichean le clann is daoine òga (Gàidhlig a mhàin):
Daoine òga (àrd-sgoil)
Àirleas leabhair £50, agus tiogaid theaghlaich airson Celtic Connections 2024.
Clann (bun-sgoil)
Àirleas leabhair £50, agus tiogaid theaghlaich airson Celtic Connections 2024.
Thèid obair an luchd-buannachaidh a thaisbeanadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig.
Mar a chuireas tu a-steach
(Leugh na riaghailtean gu faiceallach mus sgrìobh thu an litir agad agus mus cuir thu thugainn i – faic gu h-ìosal*)
Cuir an litir agad gu [email protected] ro Dhidòmhnaich 17 Sultain 2023 airson cothrom duais mhòr a bhuannachadh!
*Riaghailtean
Feumaidh litrichean le inbhich a bhith fo 500 facal, agus litrichean le clann no daoine òga a bhith fo 250 facal.
Feumaidh litrichean a bhith ann an cruth Word mar fhaidhle ceangailte ris a’ phost-d agad.
Cuir d’ ainm, seòladh dachaigh, àireamh fòn agus roinn na farpais (bun-sgoil, àrd-sgoil no inbheach) sa phost-d agad, ach na cuir d’ ainm no rud sam bith a dh’innseadh cò thu anns an litir fhèin, oir thèid a h-uile litir a mheasadh gun urra.
Gheibh an luchd-buannachaidh fios le post-d air 27 Sultain 2023, agus thèid ainmean an luchd-buannachaidh fhoillseachadh air làraichean-lìn Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean air 29 Sultain 2023.
