Litir Gu Glaschu – Farpais Sgrìobhaidh Chloinne
Air fhoillseachadh: 19 Iuchar 2024 ann an Naidheachdan

Tha Sauchiehall Street am measg nan sràidean as fhaide agus as ainmeile ann an Glaschu, loma-làn thogalaichean eachdraidheil. Thairis air na bliadhnaichean tha Gàidheil Ghlaschu agus muinntir a’ bhaile air fad air a bhith a’ frithealadh nam bùithtean an seo. Dè tha a’ tighinn gu d’ inntinn nuair a smaoinicheas tu air Sràid Sauchiehall? A’ falbh gu taigh-chluiche no cafaidh? A’ coimhead tro na h-uinneagan le do charaidean? Leig fios dhuinn agus bidh cothrom agad duais sgoinneil a bhuannachadh!
Tha Litir gu Glaschu/Letter to Glasgow na farpais bhliadhnail le Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean. Tha farpaisean do dh’inbhich ann cuideachd.
Mar a chuireas tu a-steach
Cuir an litir agad gu [email protected] ro Dhidòmhnaich 22 Sultain 2024 airson cothrom duais mhòr a bhuannachadh!
Leugh na riaghailtean gu faiceallach mus sgrìobh thu an litir agad agus mus cuir thu thugainn i – faic gu h-ìosal.
Duaisean
Àrd-sgoil
Àirleas leabhair £50, agus tiogaid theaghlaich airson Celtic Connections 2025.
Bun-sgoil
Àirleas leabhair £50, agus tiogaid theaghlaich airson Celtic Connections 2025.
Conditions
Feumaidh litrichean le clann no daoine òga a bhith fo 250 facal.
Feumaidh litrichean a bhith ann an cruth Word mar fhaidhle ceangailte ris a’ phost-d agad. Cuir d’ ainm, seòladh dachaigh, àireamh fòn agus roinn na farpais (bun-sgoil no àrd-sgoil) sa phost-d agad, ach na cuir d’ ainm no rud sam bith a dh’innseas cò thu san litir fhèin, oir thèid a h-uile litir a mheasadh gun urra.
Gheibh an luchd-buannachaidh fios le post-d air 27 Sultain 2024, agus thèid ainmean an luchd-buannachaidh fhoillseachadh air làraichean-lìn Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean às dèidh sin.
