Litir Gu Glaschu 2025: Luchd-buannachaidh

Air fhoillseachadh: 20 Samhain 2025 ann an Naidheachdan

Chaidh an sgrìobhadair, òranaiche agus sgoilear Robbie MacLeòid ainmeachadh mar bhuannaiche farpais sgrìobhaidh nan inbheach Litir Gu Glaschu (Letter to Glasgow), farpais bhliadhnail chliùiteach air a chur air bhonn le Comhairle nan Leabhraichean agus Glaschu Beò, an carthannas a tha os cionn cultar, tachartasan agus beatha èasgaidh ann an Glaschu.

Gach bliadhna bidh an fharpais phoblach a’ brosnachadh luchd-sgrìobhaidh na Gàidhlig de gach aois gu bhith a’ sgrìobhadh litir chun bhaile as motha ann an Alba air cuspair sònraichte. Sa bhliadhna 2025 – nuair a bha Glaschu a’ comharrachadh 850 bliadhna na baile – chaidh iarraidh air tagraichean litir a’ sgrìobhadh a’ buntainn ri eun, craobh, clag agus iasg: suaicheantasan traidiseanta a’ bhaile.

Chruthaich MacLeòid litir eirmseach, smaoineachail a tha na riochd de litir a chaidh a sgrìobhadh 850 bliadhna air thoiseach san àm ri teachd, a chaidh a chur air falbh bho chabhlaich fànais Albannaich, a’ caoidh lèir-sgrios na h-àrainneachd bho na thàr iad às beò. Rinn na britheamhan luaidh air an litir mar

“ath-mhìneachadh cumhachdach de shuaicheantasan Ghlaschu mar rabhadh mun chunnart àrainneachd a tha romhainn an-dràsta, a’ cruthachadh ìomhaigh, chan ann a-mhàin de dh’eachdraidh a’ bhaile, ach na dh’fhaodadh a bhith an dàn dhi.”

Thèid an litir aige fhoillseachadh ann an iris STEALL, a’ cur ris an obair sgrìobhte eile aig MacLeòid a chaidh fhoillseachadh le Gutter, New Writing Scotland agus 404 Ink, agus tha e a’ cosnadh duais £500.

Chaidh farpais an òigridh a bhuannachadh le Ayla Weller (C6) bho Bhun-sgoil Ghleann Dail. Chòrd an litir aice, a bha a’ brosnachadh muinntir Ghlaschu gu bhith a’ glanadh pàircean is slighean uisge a’ bhaile, ris na britheamhan, a’ dèanamh coimeas eadar luach raointean uaine a’ bhaile agus an cunnart bho sgudal is truailleadh. Bhuannaich Ayla àirleas leabhair agus tiocaid teaghlaich gu cuirm aig Celtic Connections.

Seo an litir aig Ayle Weller:

’S toil leam a’ bhith a’ fuireach ann an Glaschu air sgàths gu bheil tòrr pàircean ann agus beathaichean cho snog ACH tha fhathast rudan dona ann. Feumaidh sinn barrachd craobhan anns na pàircean airson na feòragan. Feumaidh sinn barrachd cluicheadairean anns an Hydro.

A h-uile latha bidh mi a’ dol dhan uisge a’ coimhead air na h-èisg ACH an-diugh bha mar 100,000 pìosan de sgudal. Aon latha chaidh mi dhan sgoil agus chaidh an clag agus bha e mar a sheinn Taylor Swift aig cuirim-ciùil.

’S toil leam a’ bhith a’ coimhead air na faoileagan a’ tighinn bho na h-ealainean brèagha ACH bidh iad a’ cacadh air mo cheann. Feumaidh sinn barrachd bionaichean agus buidhnean-sgudal. ’S dòcha gum bi na h-ainmean ‘sgudalputals’ neo ‘chan eil sgudal math’ gu math? O, tha fios agam ‘Buidhean Sgudal Ghlaschu’. Chan fheum sinn bruidhinn mu dheidhinn sin an-dràsta.

Tha na pàircean cho brèagha ann an Glasachu. ’S toil leam a’ bhith a’ dol gu Pàirce na Banrighe leis a’ chù agam ACH chan eil tòrr àiteachan-chluich math anns na pàircean. Feumaidh sinn barrachd bùithtean mar Lidl, Aldi agus Sainsbury’s airson biadh blasta fhaighinn cuideachd. B’ e iad sin na rudan a tha mi ag iarraidh ann an Glasachu agus na rudan a tha math ann.

Tìoradh an-dràsta,
Bho rapper ann an Glaschu

Chaidh Litir gu Glaschu a steidheachadh ann an 2019 airson sgrìobhadh na Gàidhlig a bhrosnachadh sa bhaile. A’ tabhann aon de na duaisean airgid as motha airson farpais sgrìobhaidh chruthachail ann an Alba, chaidh na tagraichean an taghadh le panail air a dhèanamh an àirde de Mhakar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh, agus luchd-obrach bho Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic ri Litir gu Glaschu.