Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig
Air fhoillseachadh: 28 Lùnastal 2025 ann an Naidheachdan

Ceann-là: 1f, Diluain 15 Sultain 2025
Tha tagraidhean fosgailte airson Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig, cothrom do dhràmaire stèidhichte ann an Alba a bhith a’ faighinn taic phrataigeach agus ionmhasail gus ciad dreachd de dealbh-chluich ùr a chruthachadh sa Gàidhlig, le taic bho Stiùidio nan Dràmairean Alba ann an co-bhann ri Comhairle nan Leabhraichean.
Tha am Bursaraidh a’ tabhann:
- £4,100 (Tha seo co-ionann ri pàigheadh cùmhnaint fo aonta SSP/FST airson ciad dreachd)
- Seachdain aig ionad sgrìobhaidh
- Taic bho phròifeiseantaich teatair
- Latha leasachaidh le stiùiriche agus cleasaichean
Bu chòir do thagraichean a bhith a’ fuireach ann an Alba agus an dùil gun cuir iad crìoch air Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig ro 31 Màrt 2027.
Gheibhear fiosrachadh slàn air mar a nìthear tagradh, cò dh’fhaodas tagradh a dhèanamh, agus cumhachan eile aig Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig — Playwrights’ Studio Scotland.
Ceann-là airson thagraidhean: 1f, Diluain 15 Sultain 2025.
