Tagraidhean Fosgailte – Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2027
Air fhoillseachadh: 22 Cèitean 2026 ann an Naidheachdan

Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2027 a-nis fosgailte do thagraidhean.
Ceann-latha: 12f, Diciadain 29 Iuchair 2026.
Tha e an-asgaidh cur a-steach airson nan duaisean agus gheibhte cosgaisean siubhail gu lèir air ais. Thèid an luchd-buannachaidh a thaghadh le pannal de bhritheamhan. Is mathaid gum faodadh taic a bharrachd a bhith ann do luchd-buannachaidh air a bheil bacaidhean a thaobh a bhith a’ gabhail pàirt. Tha am prògram sùbailte agus bidh sinn ag obair gu dlùth leis an luchd-buannachaidh gus am faigh iad taic iomchaidh.
Bidh na Duaisean a’ ruith eadar Am Faoilleach 2027 agus Am Faoilleach 2028. Rè a’ phrògraim gheibh an luchd-buannachaidh:
- duais luach £2,500, gus am faigh iad cothrom aire a chumail air an obair (thèid am bursaraidh a phàigheadh ann an dà chuibhreann)
- cothroman leasachaidh pearsanta, air an sònrachadh airson gach neach, mar mheantaireachd bho sgrìobhadairean no proifeiseantaich sa ghnìomhachas
- trèanadh ann am PR agus a bhith a’ taisbeanadh an cuid obrach
- cothrom an obair aca a thaisbeanadh do dh’fhoillsichearan agus luchd-riochdachaidh
- seachdain aig ionad-sgrìobhaidh, far am faigh iad ùine, farsaingeachd agus saorsa airson obair ùr a chruthachadh ann an àrainneachd àlainn (a rèir na tha ceadaichte san t-suidheachadh).
- àite an-asgaidh air cùrsa 3-latha airson sgilean deasachaidh Gàidhlig
- ballrachd an-asgaidh fad bliadhna aig Comann nan Sgrìobhadairean agus seisean trèanaidh leis a’ chomann
Gabhaidh am meantaireachd, trèanadh agus taisbeanaidhean air fad a dhèanamh aig astar ma tha feum air an roghainn seo. Tha sinn toilichte bruidhinn ri daoine fa-leth mu na feumalachdan aca air goireasan sònraichte mus cuir iad tagradh a-steach.
Tha dà dhuais ann airson sgrìobhadairean Gàidhlig, gan ruith mar cho-bhanntachd eadar Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean.
Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho luchd-cùraim, feadhainn a tha gun obair no feadhainn nach eil ag obair air adhbharan slàinte.
Lorgar fiosrachadh air ciamar a chuirear a-steach tagradh air làrach-lìn Comhairle nan Leabhraichean an seo.
Ceistean sam bith? Cuiribh post-d gu [email protected].
