Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2024
Air fhoillseachadh: 21 Gearran 2024 ann an Naidheachdan

Chaidh ainmean nan sgrìobhadairean a choisinn Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2024 fhoillseachadh le Urras Leabhraichean na h-Alba. Am measg nan sgrìobhadairean ùra bidh dithis a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean.
Gach bliadhna bidh Urras Leabhraichean na h-Alba, cathranas nàiseanta a bheir misneachd leaughaidh is sgrìobhaidh do dhaoine air feadh na h-Alba, a’ cumail prògram fad bliadhna airson sgrìobhadairean a bhrosnachadh ann an Alba. A bharrachd air duais £2,000, gheibh an luchd-buannachaidh cothroman meantorachd bho sgrìobhadairean proifeiseanta, seachdain air falbh gus sgrìobhadh, agus cothrom an obair aca a thaisbeanadh gu daoine sa ghnìomhachas foillseachaidh.
‘S iad Kristina Nicolson agus Iain Cuimeanach luchd-buannachaidh Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra Gàidhlig 2024.
Tha Kristina Nicolson (32) na tidsear Gàidhlig à Glaschu a bhios a’ sgrìobhadh leabhraichean cloinne stèidhichte air òrain Ghàidhlig. Chaidh Kristina a thogail le ceòl is cultar na Gàidhlig, agus tha e na bhun-steidh de a beatha agus beatha a teaghlaich. Bha i a’ fuireach ann an Astràilia airson deich bliadhna, far an do rinn i ceum ann an Litreachas na Beurla agus Sòiseo-eòlas aig Oilthigh Adelaide. Ged a bha Astràilia a’ còrdadh rithe, bha cianalas orra airson Alba is a dualchais, agus thill i dhachaigh. Tha i a-nis a’ teagasg Gàidhlig do chloinn ann an Glaschu agus tha e na thoilicheas dhi gu bheil a clann fhèin air am bogadh innte cuideachd.
Tha Iain Cuimeanach (48) na thidsear Gàidhlig ann an Siorrachd Rois an Iar, far a bheil eachdraidh, cultar, cruth-tìre, agus na daoine a’ toirt brosnachadh do a chuid sgrìobhaidh. Tha èiginn daonnan aig cridhe nan sgeulachdan aige. Sna blaidhnaichean a dh’fhalbh tha e air duaisean a bhuannachadh aig Mòdan Nàiseanta airson nan sgeulachdan goirid agus altan neo-fhicsean aige, agus aig FlimG airson sgriobt as fheàrr. Chaidh aon de na sgeulachdan aige fhoillseachadh le eadar-theangachadh Beurla ann an iris Southlight an-uiridh. Tha Iain a’ coimhead air adhart ri na cothroman a bheir an Duais dha agus a bhith a’ sgrìobhadh nas cunbhalaiche.
Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ guithe gach soirbheachas air Iain, Kristina agus na sgrìobhadairean air fad. Leugh barrachd mu na sgrìobhadairean ùra aig https://www.scottishbooktrust.com/writing-and-authors/new-writers-awards/this-years-new-writers
