Acair san Talamh – Anchor in the Land

Beth Frieden

£6.00

gd

Seo a’ chiad leabhran bhàrdachd le Beth Frieden (a bhuannaich Duais nan Sgrìobhadairean Ùra 2021), agus a’ chiad leabhar foillsichte le Stewed Rhubarb anns a bheil Gàidhlig.

ISBN: 9781910416280 Seòrsa:

ISBN: 9781910416280

Foillsichear: Stewed Rhubarb Press

Ceann-latha foillseachaidh: 22 Cèitean 2023

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Stewed Rhubarb Press, 2023. 35 duilleag. Còmhdach bog.

Seo a’ chiad leabhran bhàrdachd le Beth Frieden (a bhuannaich Duais nan Sgrìobhadairean Ùra 2021), agus a’ chiad leabhar foillsichte le Stewed Rhubarb anns a bheil Gàidhlig. Tha Beth à Aimeireaga bho thùs, is tha na dàin aice a’ siubhail thar chuantan, a’ toirt iomradh air a bhith ag imrich, air teaghlach, is air nàdar, le iongnadh is gàire.

Bho coilltean Shasainn Nuaidh gu teanamantan Ghlaschu, tha bàrdachd Beth ceangailte ris an dachaigh, a bhith na màthair, agus a sireadh àite ris a bheil i a’ buntainn. Tha i gar toirt air turas tro phoiliteags, cànain is tìr leis an leabhran dà-chànanach seo.

Tha Beth na bàrd, cleasaiche, is na màthair. Chaidh a togail anns na Stàitean Aonaichte agus rinn i imrich a dh’Alba ann an 2008, far an do dh’ionnsaich i Gàidhlig. Tha i a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig is sa Bheurla a-nis, agus choisin i Duais nan Sgrìobhadairean Ùra bho Urras Leabhraichean na h-Alba, ann an co-bhann le Comhairle nan Leabhraichean, ann an 2021 airson a cuid bhàrdachd Gàidhlig.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Acair san Talamh – Anchor in the Land”

Your email address will not be published. Required fields are marked *