Far na Slighe

Shelagh Chaimbeul

£9.99

gd

Latha samhraidh san Ògmhios, 2004. Tha ceathrar deugairean a’ coiseachd air Slighe Chladach Fìobha faisg air Cill Rìmhinn nuair a gheibh tè dhiubh, Amy, lorg ai bann-làimhe eireachdail.

ISBN: 9781804251294 Buinidh seo ri: , ,

ISBN: 9781804251294

Foillsichear: Luath Press

Ceann-latha foillseachaidh: 30 Giblean 2024

Chan eil gin air fhàgail againn.

Fiosrachadh

Luath Press, 2024. 256 duilleag. Còmhdach bog.

Latha samhraidh san Ògmhios, 2004. Tha ceathrar deugairean a’ coiseachd air Slighe Chladach Fìobha faisg air Cill Rìmhinn nuair a gheibh tè dhiubh, Amy, lorg ai bann-làimhe eireachdail.

20 bliadhna an dèidh sin tha sreath ùr a’ nochdadh, “Fuasgladh Cheist”, anns am bithear a’ dèanamh sgrùdadh air bàsan amharasach. Sa chiad phrògram, tha Art Dawson a’ feuchainn ri freagairtean a lorg mu bàs a pheathar, Joni, a thuit far Slighe Chladach Fìobha san Ògmhios 2004. Cha robh esan a-riamh a’ creidsinn gum b’ e tubaist a bh’ ann: dè thachair dhi, agus càit an deach am bann-làimhe prìseil a bh’ oirre?

Cho luath ’s a chì Amy dealbh den bhann-làimhe air “Fuasgladh Cheist”, tha i ga aithneachadh. Cha robh for aice gum b’ ann ceangailte ri bàs nighinn òig a bha am pìos seudraidh, agus chan eil for aice dè nì e leis a-nis, is daoine a’ coimhead air a shon.

A bheil fios aig na triùir eile a bha còmhla ri Amy ann an 2004 dè thachair do Joni? Carson nach eil iad airson bruidhinn rithe mu dheidhinn an turais aca? Agus carson a tha cuideigin airson dèanamh cinnteach nach tèid am bann-làimhe a lorg idir?

Bho bhuannaiche Duais Ghàidhlig nan Sgrìobhadairean Ùra 2022.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Far na Slighe”

Your email address will not be published. Required fields are marked *


You may also like…

  • Constabal Murdo

    Aonghas Pàdraig Caimbeul

    Tha bràiste òir luach nam mìltean mòra air a dhol à sealladh à Caisteal Chiosamuil am Barraigh. 'S ann air Constabal Murdo (Murdo Mhurchaidh 'ic Mhurchaidh Bhig bhon a' Bhac) a tha uallach faighinn a-mach cò dh'fhalbh leatha.

    £8.99

    Add to basket
  • Tàcharan Mhealbhaigh

    Ruairidh MacIlleathain

    Tha an nobhail ùr seo steidhichte air eilean mas fhìor, Mealbhaigh, an lùib dìomhaireachd an teaghlach is An Dàrna Cogadh air fàire.

    £12.99

    Add to basket
  • Hiort

    Iain F. MacLeòid

    Nuair a gheibhear corp nighean òg air na h-Eileanan Flannach, tha e coltach gu bheil cùisean gu math dòrainneach air a bhith a’ dol air adhart.

    £9.99

    Barrachd fiosrachaidh