Am Miseanaraidh

Iain Mac a' Ghobhainn

£8.00

gd

Tha ministear a’ dol a thìr chèin, a mheasg muinntir cho ao-coltach ris fhèin ‘s a ghabhas a bhith.

ISBN: 9781900901246 Seòrsa:

ISBN: 9781900901246

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 07 Gearran 2006

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Clàr, 2006. CD.

Tha ministear a’ dol a thìr chèin, a mheasg muinntir cho ao-coltach ris fhèin ‘s a ghabhas a bhith. ‘S dòcha gun cuir an suidheachadh nar cuimhne mar a thuirt am boireannach ann an sgeulachd eile le Mac a’ Ghobhainn, A’ Bhan-Soisgeulaiche, mun fheadhainn a bha timcheall oirre: “Cha bhuin iad dhomh.”
Ach chan e suidheachadh sìmplidh a th’ ann idir, is cuirear fìor iongnadh oirnn turas no dhà mun tig an eachdraich gu ceann.

Chaidh an sgeulachd seo a sgrìobhadh anns a’ Bheurla cuideachd, ach tha i nas siùbhlaiche sa Ghàidhlig, is i ga h-aithris gu dian, gun abhsadh, gun lasachadh, ann an dòigh a tha nas àbhaistiche ann am bàrdachd. Chaidh a fàgail againn le fear de phrìomh ùghdaran na Gàidhlig, is e aig àirde a chomais.

Co-dhiù a bha Mac a’ Ghobhainn ri bàrdachd no ri rosg, bha an duilgheadas a th’aig daoine ann a bhith tuigsinn a chèile, ann a bhith dèanamh cheanglaichean ri chèile, air fear dhe na prìomh chuspairean aige. Agus tha samhla glè dhealbhach air an astar a dh’fhaodas a bhith eadar daoine san sgeulachd seo.

Aon dhe na sgeulachdan as fheàrr a sgrìobh Iain Mac a’ Ghobhainn
An t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig ()

Be the first to review “Am Miseanaraidh”

Your email address will not be published. Required fields are marked *