Fiosrachadh
Luath Press, 2018. 190 duilleag. Còmhdach bog.
Tha an t-eilean làn de sgeulachdan, agus tha Tormod gan cluinntinn a h-uile taobh dhan tèid e. Cha ghann nach cluinn e mu na saighdearan Ròmanach, còtaichean seunta, agus mu dhaoine air an toirt a thaobh, air neo am bruid, air sgàth an cuid aineolais, agus droch rùn chàich.
Ach, chan e a h-uile càil a tha freagarrach do chluasan òganaich agus cluinnidh Tormod, ‘s a chluais ri claisneachd, gu leòr a tha ga chur a rannsachadh mu cò a b’ athair dha, am measg nithean eile. Cluinnidh e sop às gach seid bho a nàbaidh Ruairidh, a mhàthair is cailleachan na bùtha, ach chan eil e idir furasta do Thormod bun no bàrr a dhèanamh dheth. Nach fheàrr neoichiontachd na h-òige na bhith air do bhuaireadh cus le còmhradh a tha am beul dhaoine?
Fìrinn no faoinsgeul – cò a dh’aithnicheas?






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.