Fiosrachadh
Luath Press, 2021. 199 duilleag. Còmhdach bog.
Alba, am Foghar 1513. An dèidh dha taibhse fhaicinn ann an Glinn Iucha, tha Rìgh Seumas a Ceithir dealasach gu falbh air taistealachd a Bhaile Dhubhthaich mus dèan e ionnsaigh air Sasainn. Na chuideachd, bidh Mgr Eanraig Leich, an lannsair pearsanta aige, agus an t-amadan as fheàrr leis, Tòmas.
Bidh càirdeas a’ sìor fhàs eadar an triùir fhear fhad ’s a tha iad air chuairt a Bhaile Dhubhthaich agus, an uair sin, a’ marcachd a Northumberland fada gu deas. Ach bidh teagamhan agus droch mhanaidhean gam buaireadh mus tig latha mòr a’ chatha air Blàr Flodden.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.