Unnad – Indigenous le Calum Angus MacAoidh

26 Gearran 2025 6:30 pm

Thig còmhla ri Calum Angus MacAoidh is e a’ bruidhinn mu na sgeulachdan ceangailte ris a chuid ealain.

Tha Calum Angus na chraoladair, neach-ealain agus croitear. Tha Unnad – Indigenous làn dhealbhan ùr is aosta air an togail is air an tarraing le Calum Angus, le mìneachaidhean dà-chànanach mu thùs nan dealbhan a bhios a’ dèiligeadh ri bròn, bàs, eachdraidh, coimhearsnachd agus a theaghlach fhèin.

Bidh Catrìona Mhoireach, craoladair, bàrd agus riochdaire rèidio, sa chathair airson an tachartais seo.

Tiogaidean (an-asgaidh)