Sradagan san Iarmailt – Eden Court
24 Cèitean 2026 2:00 pm

Bithibh còmhla rinn fad uair a thìde den fhacal labhartach is film-dhàin, còmhla ri bàird Sradagan san Iarmailt – duanaire ùr cliùiteach a’ dèanamh luaidh air nua-bhàrdachd ciad cheathramh an aonamh linn air fhichead. An cuideachd an deasaiche, Marcas Mac an Tuairneir, bidh bàird Inbhir Nis is Inbhir Pheofharain, Calum L. MacLeòid is Eòghan Stiùbhart, a bharrachd air bana-bhàrd ùr Ceitidh Chaimbeul, a tha air a ciad cho-chruinneachadh, Dàn nam Ban, a chur an clò, o chionn ghoirid.
Gheibhear an cothrom leughaidhean bàrdachd a chluinntinn, cho math ri film-dhàin a dheasaich Marcas fhaicinn, a’ cleachdadh bàrdachd is clàraidhean bàird an duanaire agus ‘s dòcha òran no dhà! Bidh foillsichearan Francis Boutle Publishers agus Leamingtonn Books ann, cuideachd airson luchd-èisteachd a tha airson an dà leabhar a cheannach.
Tiogaidean