Sradagan na Sràide
2 Lùnastal 2024 8:30 pm

Is e co-obrachadh còig-bliadhna a th’ ann an Sradagan na Sràide eadar Ceòl is Craic agus Comhairle nan Leabhraichean, gus àrd-ùrlar a thoirt do na tàlantan ciùil is litreachais as fheàrr ann an ealain Ghàidhlig na h-Alba agus cruinneachadh ùr de dh’òrain Ghàidhlig a chruthachadh do Ghàidheil bhailtean-mòra an latha an-diugh.
Is e neach-ealain Gàidhlig a bhuannaich mòran dhuaisean a th’ ann an Robbie Anndra MacLeòid, a tha air obair a choileanadh tarsainn diofar ghnèithean leithid bàrdachd, rosg, dràma, filmichean goirid agus geamannan bhidio.
Bidh Kapil Seshasayee a’ sgrìobhadh òrain, a’ cluich giotàr gu h-ealanta agus a’ cruthachadh chruthan-fuaime eileagtronaigeach a tha gun choimeas. Tha an ceòl aige ag amalachadh eileamaidean de R&B, Jazz, Electronica agus ceòl clasaigeach Innseanach.
Tiogaidean