Ruaraidh MacThòmais agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig

7 Màrt 2024 6:30 pm

Thig còmhla ri Petra Poncarová, Iain MacDhòmhnaill agus Rob Ó Maolalaigh airson còmhradh mun bhàrd Ruaraidh MacThòmais agus an leabhar ùr Derick Thomson and the Gaelic Revival a chomharrachadh aig Comhairle nan Leabhraichean, Glaschu.

Tha Ruaraidh MacThòmais aithnichte mar aon de na bàird Ghàidhlig as cudromaiche san fhicheadamh linn. Chuir MacThòmais ri togail na Gàidhlig tro obair mar dheasaiche, fhear-naidheachd agus sgoilear.
Bhrosnaich e iomadh iomairt gus taic a chumail ris a’ Ghàidhlig, a’ toirt buaidh mhòr air Gàidhlig mar chuspair acadaimigeach. Sa bhliadhna 1968, bha e an sàs ann a bhith a’ cur Comhairle nan Leabhraichean (no An Comann Leabhraichean, mar a bh’ air aig an àm) air bhog aig Oilthigh Ghlaschu. An-diugh, tha Duais Ruaraidh MhicThòmais aig Na Duaisean Litreachais ainmichte mar urram dha.

Tha Petra Johana Poncarová stèidhichte aig Oilthigh Ghlaschu mar neach-rannsachaidh Marie Curie. Ann an 2020, chaidh The Gaelic Poetry of Derick Thomson (Scotnote Study Guide) fhoillseachadh leis an Association for Scottish Literary Studies; agus nochd a’ chiad làn leabhar-rannsachaidh aice, Derick Thomson and the Gaelic Revival, bho Chlò Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2024.

Bidh an tachartas seo sa Bheurla.

Tiogaidean (an-asgaidh)